Glasgow test questions

Answer these questions on Glasgow's West End.

1

Faisg air Finnieston, tha Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Kelvingrove. Tha àite sònraichte aig an togalach seo ann an cridhe muinntir Ghlaschu.

What is said about Kelvingrove Museum and Art Gallery near Finnieston?

2

Tha Mairead NicIllFhinnein ag obair anns an taigh-tasgaidh mar neach-iùil. Tha mòran fiosrachaidh aice mu dheidhinn na tha ri fhaicinn san taigh-tasgaidh agus mu dheidhinn eachdraidh an togalaich.

What does Margaret MacLennan have lots of information about?

3

Dh'fhosgladh an taigh-tasgaidh ann an naoi ceud deug 's a h-aon le airgead a bha ga thogail aig an Taisbeanadh Eadar-nàiseanta a chaidh a chumail ann am Pàirc Kelvingrove ann an ochd ceud deug ochdad 's a h-ochd. Rinneadh ballaichean an taigh-tasgaidh à clach-ghainmhich dhearg mar a rinneadh mòran thoglaichean ainmeil ann an Glaschu.

In what year was the International Exhibition that raised money for Kelvingrove held?

4

Dhùin sinn an taigh-tasgaidh air fad airson trì bliadhna ann an dà mhìle 's a trì. Chosg an obair seo mu fhichead 's a h-ochd millean not. Chuir sinn a-steach taigh-bìdh ùr agus bha e a' ciallachadh gum biodh e na b' fhasa siubhal tron togalach agus bha an cothrom againn barrachd rudan a thaisbeanadh dhan phoball aig an aon àm.

Which one of these answers was an improvement made during the refurbishment?

5

Tha Mairead glè thrang.

"Bha cùisean eagalach trang nuair a dh'fhosgail sinn a-rithist ann an dà mhìle 's a sia. Thàinig còrr is 2.2 millean neach-tadhail a-steach sa chiad bhliadhna agus le sin b' e Kelvingrove an taigh-tasgaidh a bu thrainge san dùthaich taobh a-muigh Lunnainn. Chan eil cùisean cho trang a-nis, ach gheibh sinn còrr is millean neach a' tighinn gar faicinn gach bliadhna."

When it re-opened what record did Kelvingrove achieve?

6

Le luchd-tadhail a' tighinn o gach ceàrn airson na rudan prìseil san taigh-tasgaidh fhaicinn, a bheil cothrom aig Mairead tlachd a ghabhail às an obair aice?

"Tha gu dearbh. 'S e an dealbh ainmeil de dh'Ìosa Crìosd air a' Chrann-cheusaidh le Salvador Dali am pìos as fheàrr leam. Tha mi a' faireachdainn gu bheil e glè chumhachdach agus tha e' toirt buaidh mhòr orm nuair a chì mi e gach madainn."

What does Mairead say about her favourite piece in the museum?

7

A dh'aindeoin leasachaidhean mar Finnieston agus Kelvingrove, tha mòran bochdainn fhathast ri fhaicinn gu follaiseach ann an Glaschu. Tha an treas cuid de chlann anns a' bhaile mhòr beò ann am bochdainn agus tha trioblaidean sòisealta mòra an lùib seo.

What shows that there are still problems in Glasgow despite recent developments?

8

Gun teagamh, bha Alba aithnichte uaireigin mar Fear Bochd na h-Eòrpa. 'S e dùil-aoise fhear ann an Glaschu an dùil-aoise as ìsle a th' ann an Alba.

Which piece of information also shows that Glasgow has issues which affect its population's health?

9

Ged a tha beatha dhoirbh air a bhith aig daoine ann an Glaschu uaireannan, tha iad ainmeil air feadh an t-saoghail airson a bhith uabhasach càirdeil agus measail air còmhradh, gun idir a bhith fuar no dùinte. Tha cuid glè phròiseil às a' chliù seo.

How does the text describe the people of Glasgow?

10

'S e coiseachd agus còmhdhail phoblach na dòighean as fheàrr airson eòlas fhaighinn air Glaschu, ach chan eil e gu diofar dè nì thu no mar a nì thu do slighe timcheall a' bhaile, bidh spòrs agus togail-inntinn ann dhut. Thig a Ghlaschu gun dàil!

Apart from walking, what is the best way to get round Glasgow?