Cuin a thòisich làn raiseanadh ann am Breatainn aig àm a’ Chiad Chogaidh?
1916
1917
1918
Cia mheud boireannach a bha ag obair ann an gnìomhachas trom ann an Alba ron Chogadh?
Nas lugha na 4,000
Nas motha na 5,000
Nas lugha na 600
Dè bha “lagachadh” a’ ciallachadh co-cheangailte ri obair aig àm a’ Chiad Chogaidh Mhòir?
Bha “lagachadh” a’ ciallachadh gun robh fradharc an luchd-obrach ann am factaraidhean nam ball-airm a’ fàs dona.
Bha “lagachadh” a’ ciallachadh nach robh daoine ag obrachadh uiread de dh’uairean aig àm a’ chogaidh.
Bha “lagachadh” a’ ciallachadh gun robh uallach air fireannaich a bha ag obair ann am factaraidhean nach biodh inbhe cho math aca agus gum biodh am pàigheadh aca ann an cunnart.
Dè rinn Achd Ath-thilleadh Chleachdaidhean ron Chogadh?
Chaidh prìsean màil a thilleadh chun na h-ìre aig an robh iad ron chogadh.
Chaidh sloinneadh nan Gearmailteach a bha a’ fuireach ann am Breatainn atharrachadh.
Fhuair saighdearan a bha a’ tilleadh às a’ chogadh an obair aca air ais.
Cuin a chuir an riaghaltas an gnìomh Achd na Seirbheis Armailtich a thug cead seachad daoine a thogail dhan arm ann am Breatainn?
San Fhaoilleach 1915
San Fhaoilleach 1916
San Fhaoilleach 1917
Dè na h-atharrachaidhean a thàinig air Seirbheis Armailteach sa Chèitean 1918?
Dh’fhaodadh daoine suas gu 50 bliadhna a dh’aois a thogail dhan arm.
Dh’fhaodadh cuideachd boireannaich eadar 18 agus 41 a thogail dhan arm.
Cha robh an còrr dhaoine gan togail dhan arm.
Cia mheud neach, a dhiùlt air sgàth an cogais, a nochd mu choinneamh chùirtean armailteach ann an 1916?
140
1,400
14,000
Cia mheud a chaidh a chur dhan phrìosan san RA air sgàth diùltadh a rèir an cogais rè a’ Chiadh Chogaidh Mhòir?
1,000-2,000
3,000-4,000
5,000-6,000
Cia mheud Albannach a bhàsaich rè a’ Chiad Chogaidh Mhòir?
0-70,000
70,00-150,000
150,00-200,000
Dè an % de bhàsan a bhuineadh do dh’Alba?
6%
16%
26%