Dè na dòighean san robh na SA agus an USSR eadar-dhealaichte?
B’ e dùthaich Chomannach a bha sna SA agus b’ e dùthaich chalpaireil a bha san USSR.
B’ e dùthaich chalpaireil a bha sna SA agus b’ e dùthaich chomannach a bha san USSR.
B’ e dùthaich dheamocratach a bha san USSR agus b’ e deachdaireachd a bha sna SA.
Càit an robh an dà cho-labhairt sìthe aig deireadh an Dara Cogaidh?
Yalta agus Potsdam.
Hiroshima agus Nagasaki.
Berlin agus Paris.
Dè bha san t-Sòn Bufair?
B’ e seo sgìre dhen Roinn Eòrpa an Ear – air a dèanamh suas de dhùthchannan san robh feachdan an USSR aig deireadh a’ chogaidh, me A’ Phòlainn agus Seiceoslobhagia.
An sgìre dhen Roinn Eòrpa a chùm An Fhraing agus A’ Ghearmailt air leth aig àm a’ Chogaidh Fhuair.
An sgìre dhen Roinn Eòrpa a bha fo smachd nan SA agus nan Caidreach.
Cò an toiseach a chleachd an abairt 'Cùirtear Iarainn' agus dè tha e a’ ciallachadh?
B’ e Kennedy a rinn suas an abairt. Bha e a’ bruidhinn mu Bherlin an Ear is an Iar air a sgaradh le Cùirtear Iarainn.
B’ e Stalin a rinn suas an abairt. Bha e a’ ciallachadh gun robh Cùirtear Iarainn air tighinn eadar dùthchannan na Roinn Eòrpa an Ear agus na Roinn Eòrpa an Iar.
B’ e Churchill a rinn suas an abairt. Bha e a’ ciallachadh gun robh Cùirtear Iarainn a’ sgaradh dhùthchannan calpaireil na Roinn Eòrpa an Iar bho dhùthchannan comannach na Roinn Eòrpa an Ear a bha fo smachd nan Sòbhieteach.
Dè bh’ ann an Teagasg Truman?
B’ e sin co-dhùnadh a rinn na Caidrich gus feuchainn ri briseadh tron Chùirtear Iarainn airson gum biodh buaidh aca air dùthchannan san roinn an ear.
B’ e seo poileasaidh Riaghaltas nan SA gus feuchainn ri comannachas a chumail bho sgaoileadh càil na b’ fhaide.
B’ e seo poileasaidh Riaghaltas nan SA gus feuchainn ri comannachas a chumail bho sgaoileadh. Dh’aontaich na Sòbhietich gum feuchadh iad ri stad a chur air calpachas bho sgaoileadh dhan Roinn Eòrpa an Ear.
Dè bh’ ann an Cobhair Mharshall?
B’ e Cobhair Mharshall airgead agus stuthan a thugadh do dhùthchannan na Roinn Eòrpa gus an cuideachadh le ath-thogail. Bha beachd ann gum biodh dùthchannan na bu bhuailtiche a dhol gu comannachd ma bha duilgheadasan eaconamach aca.
B’ e Cobhair Mharshall airgead agus stuthan a chaidh a chur dhan Roinn Eòrpa an Ear gus an leigeadh iad seachad comannachd is gun gabhadh iad ri calpachas is deamocrasaidh.
B’ e Cobhair Mharshall airgead agus stuthan a chaidh a chur a dh’Ameireaga a Deas agus a dh’Afraga gus nach sgaoileadh comannachd dha na h-àiteachan sin.
Dè am beachd a bh’ aig Stalin air Cobhair Mharshall?
Bha Stalin a’ faicinn Cobhair Mharshall mar rud math. Bha e am beachd a bhith a’ malairt ri dùthchannan na Roinn Eòrpa an Iar agus bheireadh seo piseach air an eaconamaidh aca.
Bha Stalin an aghaidh Cobhair Mharshall oir bha e gu bhith calg-dhìreach an aghaidh Cobhair Shòbhieteach.
Bha Stalin a’ coimhead air Cobhair Mharshall mar chunnart. Bha e airson an Roinn Eòrpa a chumail lag gus an USSR a dhìon.
Dè na slighean a Bherlin a dhùin na Sòbhietich?
Slighean mara, rathaid agus rèile.
Slighean, rathaid, rèile agus canàilean.
Slighean adhair, rathaid agus rèile.
Dè a’ bhuaidh a bh’ aig Bacadh-malairt Bherlin?
Cho-dhùin muinntir Bherlin an Iar a dhol gu taobh nan Sòbhieteach. Chuir iad an cùl ri calpachas agus deamocrasaidh.
Cha do lean Ameireaga a’ cuideachadh Bherlin an Iar agus b’ fheudar dhaibh tarraing air ais ann an 1948.
Dh’fhaillich air na Sòbhietich stad a chur air bathar tighinn a-steach air plèanaichean agus sguir am bacadh-malairt ann an 1949.
Ciamar a chaidh NATO a stèidheachadh ann an 1949?
Mar chaidreachas armailteach gus dùthchannan na Roinn Eòrpa an Iar a dhìon bho chunnart comannachd agus ionnsaigh bho na Sòbhietich.
Mar chaidreachas a bheireadh seachad cobhair eaconamach gus stad a chur air sgaoileadh comannachd.
Mar ionad armailteach Sòbhieteach le urchraichean a bhiodh deiseil gus ionnsaigh a thoirt air Na SA agus dùthchannan san Roinn Eòrpa an Ear nan tigeadh èiginn.
Ciamar a chaidh Aonta Warsaw a stèidheachadh ann an 1955?
Mar bhuidheann malairt eadar dùthchannan na Roinn Eòrpa an Ear.
Mar bhuidheann armailteach de dhùthchannan na Roinn Eòrpa an Ear fo smachd nan Sòbhieteach.
Mar bhuidheann armailteach de dhùthchannan na Roinn Eòrpa an Iar a bhiodh deiseil gus ionnsaigh a thoirt air na Sòbhietich agus dùthchannan na Roinn Eòrpa an Ear nan tigeadh èiginn.
Dè tha M.A.D. a’ seasamh airson?
Mutually Assured Destruction
Militarily Assured Destruction
Massive Assured Destruction
Cuin a rinn an t-Aonadh Sòbhieteach a’ chiad bhoma atamach?
1948
1955
1949
Cuin a chaidh deuchainn a dhèanamh air a’ chiad bhoma haidridean?
1950
1952