Teachd-a-steach test questions

1

Bha Anna trang aon sheachdain agus dh'obraich i 52 uairean uile-gu-lèir.

'S àbhaist dhi a bhith ag obair 36 uairean san t-seachdain aig \(\pounds 5.60\) san uair.

Bidh i a' faighinn ùine agus leth airson nan uairean a bharrachd a dh'obraicheas i. Obraich a-mach am pàigheadh aice airson na seachdain seo.

2

Tha Miranda ag obair 38 uairean bunaiteach san t-seachdain aig \(\pounds4.40\) san uair.

Obraich a-mach am pàigheadh iomlan aice ann an seachdain ma nì i 10 uairean a bharrachd aig ùine agus leth.

3

Tha Sean a' cosnadh \(\pounds9856\) gach bliadhna. Fhuair e àrdachadh de \(5\%\). Obraich a-mach an tuarastal ùr aige.

4

Tha Craig a' cosnadh \(\pounds 128\) san t-seachdain. Fhuair e àrdachadh de 8%.

Obraich a-mach dè tha e a-nis a' cosnadh sa bhliadhna.

5

Tha Derek a' cosnadh \(\pounds850\) sa mhìos. Fhuair e àrdachadh de \(4.5\%\). Obraich a-mach am pàigheadh ùr aige sa bhliadhna.

6

Tha James a' faighinn \(\pounds8.70\) san uair airson seachdain de 35 uairean.

Tha còrr-ùine pàighte aig ùine agus leth. Obraich a-mach pàigheadh Sheumais gach seachdain ma dh'obraicheas e 40 uair a thìde.

7

Tha Angela a' faighinn \(\pounds6.40\) san uair airson seachdain de 35 uairean.

Bidh i a' faighinn ùine gu leth airson còrr-ùine tron t-seachdain agus ùine dhùbailte aig an deireadh-sheachdain.

Obraich a-mach am pàigheadh aice san t-seachdain ma dh'obraicheas i 5 uairean de chòrr-ùine tron t-seachdain agus 4 uairean Disathairne.

8

Tha meacanaig a' faighinn \(\pounds8.20\) san uair airson seachdain de 35 uairean.

Tha còrr-ùine pàighte aig ùine agus cairteal tron t-seachdain, ùine agus leth Disathairne agus ùine dhùbailte Là na Sàbaid.

Obraich a-mach am pàigheadh aige san t-seachdain ma dh'obraicheas e 5 uairean de chòrr-ùine tron t-seachdain, 8 uairean Disathairne agus 4 uairean Là na Sàbaid.

9

Obraich a-mach am pàigheadh san t-seachdain aig cuideigin a dh'obraicheas 43 uairean aig \(\pounds6.17\) san uair.

10

Tha Stuart ag obair 41 uair san t-seachdain. 'S e \(\pounds311.19\) am pàigheadh aige airson seachdain. Dè tha e a' faighinn san uair?