Teachd-a-steachd test questions

1

Tha tuarastal cìs-bhuailteach aig Amina de \(\pounds26\,000\).

Dè bhios i a' pàigheadh ann an cìs-cosnaidh gach bliadhna aig reat de \(20\%\)?

2

Tha Simon a' cosnadh \(\pounds39\,000\) sa bhliadhna. Tha cuibhreann-cìse aige de \(\pounds10\,000\).

Dè a' chìs-cosnaidh a bhios e a' pàigheadh ann am bliadhna? (Reat-cìse \(20\%\)).

3

Tha Susan a' cosnadh \(\pounds32000\) sa bhliadhna. Tha cuibhreann-cìse aice de \(\pounds10000\).

Dè a' chìs-cosnaidh a bhios i a' pàigheadh ann am mìos? (Reat-cìse \(20\%\)).

4

Tha Frances a' cosnadh \(\pounds49\,000\) ann am bliadhna. Tha cuibhreann-cìse aice de \(\pounds10\,000\).

Tha an reat-cìse aig \(20\%\) suas gu teachd-a-steach chìs-bhuailteach de \(\pounds32\,000\), agus an dèidh sin tha e aig \(40\%\) air a' chòrr.

Dè a' chìs-cosnaidh a bhios i a' pàigheadh ann am bliadhna?

5

Tha Ahmed a' cosnadh \(\pounds28\,000\) ann am bliadhna.

Dè an t-Àrachas Nàiseanta a dh'fheumas e a phàigheadh ann am mìos ma tha an reat aig \(12\%\)?

6

Tha Jack a' cosnadh \(\pounds16\,000\) ann am bliadhna.

Dè bhios e a' pàigheadh dhan sgeama peinnsein ann am mìos ma tha an reat aig \(6\%\)?

7

'S e am pàigheadh iomlan aig Carolyn \(\pounds320\) san t-seachdain. Tha na lùghdachaidhean gu lèir a' tighinn gu \(\pounds105\).

Dè am pàigheadh lom a th' aice gach seachdain?

8

Bha Anne trang aig a h-obair aon sheachdain agus dh'obraich i \(52\;uair\) gu lèir.

'S àbhaist dhi a bhith ag obair \(36\; uairean\) san t-seachdain aig reat de \(\pounds5.60\) san uair.

Bidh uairean a bharrachd air am pàigheadh aig reat uair gu leth. Obraich a-mach am pàigheadh aice airson na seachdain sa.

9

Tha Sean a' cosnadh \(\pounds9\,856\) sa bhliadhna. Fhuair e àrdachadh de \(5\%\) Obraich a-mach am pàigheadh ùr aige.

10

Tha meacanaig a' faighinn \(\pounds8.20\) san uair airson seachdain \(35 \,uairean\).

Tha còrr-ùine aig ùine agus cairteal tron t-seachdain, ùine gu leth Disathairne agus ùine dhùbailte Là na Sàbaid.

Obraich a-mach a phàigheadh gach seachdain ma tha e ag obair 5 uairean a thìde de chòrr-ùine tron t-seachdain, 8 uairean Disathairne agus 4 uairean Là na Sàbaid.