Health and activity test questions

Answer these questions on the effects of technology and apps on health and activity.

1

Tha mòran dhaoine a' cur coire air cleachdaidhean teicneòlais airson cho mì-fhallain is a tha daoine na làithean seo. Cuid a' suidhe a' coimhead air an telebhisean gun ghluasad, no a' dol tron fhòn-làimhe aca a' toirt 'likes' do dhealbhan gun a bhith a' dol a-mach dhan t-saoghal mhòr.

For what do many people blame technology?

2

Tha dà thrian de dhaoine ann an Alba ro throm, agus tha seo ag adhbharachadh gu bheil iad ann an cunnart o thinneas an t-siùcair agus grèim-cridhe. Ach tha buaidh aig na fònaichean air ar slàinte-inntinn cuideachd.

What dangers are there for the two-thirds of Scots who are overweight?

3

Tha iomadach duine air am beò-ghlacadh leis na fònaichean aca. Chan urrainn dhaibh a dhol mionaid no dhà gun a bhith a' beantainn riutha. Chì thu daoine ann an taighean-bìdh, agus cha bhi iad a' bruidhinn ri chèile oir bidh iad a' teacsadh is a' cur theachdaireachdan gu daoine eile.

When you see people absorbed by their phones in restaurants, what are they doing?

4

Saoil a bheil dòigh ann am b' urrainn dhuinn ar fònaichean a chleachdadh airson deagh shlàinte a bhrosnachadh? Tha an caochladh de dh'aplacaidean a bhios gad chuideachadh le sùil a chumail air do shlàinte.

What questions does the writer ask?

5

Fhuair Donaidh Moireasadan aplacaid an-uiridh airson ìoga a dhèanamh.

"Bhithinn a' cluich ball-coise airson sgioba ionadail ach ghoirtich mi mo dhruim agus cha b' urrainn dhomh cluich tuilleadh. Bha mi air fàs beagan ro throm agus thuirt caraid rium gum bu chòir dhomh ìoga fheuchainn. Cha robh clasaichean san sgìre, mar sin luchdaich mi a-nuas aplacaid ìoga dhan fòn agam."

Why did Donnie need to download a yoga app?

6

"Chòrd e rium gu mòr. Bha na bhidiothan furasta a thuigsinn is a leantainn ach bha aon thrioblaid agam, bhiodh sanasan-reice a' nochdadh eadar na bhidiothan. Cha robh sin uabhasach cuideachail nuair a bha mi ag iarraidh fois. Mar sin, chosg mi caogad not airson ballrachd bliadhna agus fhuair mi an aplacaid shlàn."

What difficulty did Donnie face to begin with?

7

Bidh bean Dhonaidh, Mairead, a' cleachdadh aplacaidean slàinte cuideachd.

"Is fìor thoigh leam a bhith a' ruith agus tha am fòn agam a' clàradh m' ùine, dè cho fad 's a ruith mi agus a' sealltainn dhomh cho math 's a rinn mi an coimeas ri na rinn mi a-cheana.

Margaret uses an exercise app. It does lots of things for her, but which of these does it do?

8

Chan eil a h-uile aplacaid slàinte mu dheidhinn a bhith gnìomhach ge-tà. Tha Mairead ag obair mar innleadair choimpiutairean agus rinn i aplacaid Ghàidhlig leis an ainm Sìth. 'S e prògram a tha seo a bhios a' feuchainn ri daoine a chuideachadh le bhith a' gabhail fois nuair a tha an ceann na bhrochan. Tha e air a bhith gu math soirbheachail.

When is Margaret's own app, Sìth, useful?

9

Thuirt Mairead, “Tha ùidh mhòr aig daoine ann am mothachas na làithean seo agus bidh Sìth a' cuideachadh dhaoine le bhith a' meòrachadh agus a' cur an trioblaidean bhuapa. Bidh e a' cluich ceòl socair Gàidhealach agus a' bruidhinn riutha anns a' Ghàidhlig.

What is said about mindfulness?

10

"Chanainn gum bu chòir dhuinn uile nas lugha de dh'ùìne a chosg air ar fònaichean-làimhe ge-tà. Tha sinn ro chleachdte ri bhith a' faighinn a h-uile càil anns a' bhad agus 's e fònaichean-làimhe as coireach airson sin gu mòr. Mholainn do dhaoine am fòn aca a chur dheth airson uair a thìde gach latha agus cuairt a ghabhail no leabhar a leughadh."

What is Margaret's advice to people?