Ciamar a tha clach-aoil air a bleith?
Sìde-chaitheamh cheimigeach
Sìde-chaitheamh fiosaigeach
Sìde-chaitheamh bith-eòlach
Dè th' ann an cliontaichean?
Beàrn ann an cabhsair clach-aoil
Blocaichean de chlach-aoil a tha a' dèanamh cabhsair clach-aoil
Tuill ann an cabhsair clach-aoil
Dè am feart a bhios a' crochadh bho mhullach uaimhe?
Aol-charragh
Colbh
Aol-chluigean
Ciamar a tha aol-charraighean air an cruthachadh?
Uisge a' deatachadh
Uisge a' leaghadh
Uisge a' reothadh
Dè an cleachdadh-fearainn anns nach eil clach-aoil freagarrach?
Obair cuaraidh
Stòradh uisge
Cur-seachadan
Dè th' ann an sgìre tharraingeach no sgìre-mheala?
Sgìre anns am bi luchd-turais
Sgìre a thàlaidheas luchd-turais air falbh bho àitichean cugallach
Sgìre chugallach air am bi luchd-turais a' tadhal
Dè an droch bhuaidh a thug turasachd air sgìrean àrd-thalamh clach-aoil mar na Yorkshire Dales?
Bleith nan slighean coiseachd
Cothroman cosnaidh
Cur-seachadan do mhuinntir an àite
Dè rinn ùghdarrasan nam Pàircean Nàiseanta airson trafaig dhùmhlaichte a lùghdachadh?
Pàircean ùra chàraichean le tarmac orra
Baidhsagalan an-asgaidh
Bus do bhaidhsagalan
Dè rinn ùghdarrasan nam Pàircean Nàiseanta airson sgudal a lùghdachadh?
Chuir iad ann barrachd bhionaichean
Thug iad air falbh na bionaichean
Bidh luchd-turais a' togail an sgudail