Ìrean rèidh test questions

1

Chuir Lindy \(\pounds78\) ann an cunntas a tha a' pàigheadh riadh aig reat de \(5\%\) sa bhliadhna.

Dè bhios aice de dh'airgead an dèidh dà mhìos?

2

Chuir Georgina \(\pounds45\) ann an cunntas a tha a' pàigheadh riadh aig reat de \(5.2\%\) gach bliadhna.

Dè bhios aice de dh'airgead an dèidh bliadhna?

3

Shàbhail Tom \(\pounds2440\) agus chuir e ann an cunntas e le ìre rèidh àrd a tha a' pàigheadh \(9.5\%\) sa bhliadhna.

Dè na gheibh Tom de riadh ma dh'fhàgas e an t-airgead sa chunntas airson \(6\) mìosan?

4

Chuir Michelle \(\pounds4200\) ann an Cunntas Platinum a tha a' pàigheadh riadh de \(6.3\%\) sa bhliadhna.

Dè an riadh sìmplidh a gheibh i an dèidh \(10\) mìosan?

5

Thaisg Mgr Schneider \(\pounds1500\) aig \(8\%\) sa bhliadhna.

Thog e an riadh an ceann ochd mìosan airson a dhol a-mach aon oidhche.

Dè na bheir e a-mach de dh'airgead?

6

Chaidh \(\pounds1640\) a thasgadh ann am banca. 'S e an ìre rèidh \(4.5\%\) sa bhliadhna.

Obraich a-mach an riadh sìmplidh an ceann \(9\) mìosan.

7

Tha coimpiutair a' cosg \(\pounds1800\) ann an airgead. 'S e an t-aonta creideis: àirleas \(15\%\), le \(36\) sùimean mìosail de \(\pounds64.60\). Obraich a-mach an t-sùim a bharrachd a bhios ri phàigheadh leis an aonta creideis.

8

Gabhaidh cucair a cheannach le aonta creideis le àirleas de \(35\%\) agus \(36\) sùimean mìosail de \(\pounds11.40\).

Tha an cucair a' cosg \(\pounds460\) ann an airgead. Dè na tha de chosgais san aonta creideis?

9

Tha cucair a' cosg \(\pounds540\) ann an airgead.

'S e cumhachan an aonta creideis: àirleas \(20\%\) dhen phrìs ann an airgead agus \(24\) sùimean mìosail de \(\pounds20.75\).

Obraich a-mach cosgais an aonta creideis gu lèir airson a' chucair.

10

Bha Ali ag iarraidh motar-baic a cheannach aig \(\pounds480\).

Thagh e aonta creideis airson pàigheadh air a shon.

Phàigh e àirleas de \(30\%\) le \(12\) sùimean mìosail de \(\pounds33.80\).

Dè a' chosgais gu lèir a bh' ann airson an aonta creideis?