Litreachas test questions

1

Carson a chleachdadh sgrìobhadair clisg-phuing nuair a tha caractar a' bruidhinn?

2

Carson a chleachdadh sgrìobhadair trì-phuing (...) aig deireadh seantans?

3

Carson a bhios ùghdaran a' cur 'car' aig deireadh na sgeulachd aca?

4

Dè am facal a chleachdas sinn nuair a thathar a' beachdachadh air an fhaireachdainn a tha a' ruith tro phìos litreachais?

5

Bha e cho maol ri ugh

Dè an sgil sgrìobhaidh a th' air a chleachdadh an seo?

6

Dè na feartan sònraichte a tha a' nochdadh ann am bàrdachd thraidiseanta seach nua-bhàrdachd?

7

Carson a tha co-theacs cudromach ann an nobhail no sgeulachd?

8

Carson as e sgil èifeachdach a th' ann an àbhachd?

9

Dè tha sinn a' ciallachadh le 'teachdaireachd' nuair a tha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn litreachais?

10

Dè tha am facal 'caractarachd' a' ciallachadh nuair a tha sinn a' sgrùdadh litreachais?