Dè ghluais an sgrìobhadair gus an t-òran a sgrìobhadh?
Chaidh iarraidh air òran a dhèanamh.
Bha fios aige nach fhaiceadh e an loch no a dhùthaich tuilleadh.
Bha e a’ feuchainn ri na Sasannaich a dhèanamh feargach.
Dè tha air innse mu mheud Loch Laomainn?
Is e Loch Laomainn an loch as motha ann an Breatainn.
Is e Loch Laomainn an dàrna loch as motha ann am Breatainn.
Is e Loch Laomainn an treas loch as motha ann an Breatainn.
Dè tha na h-ainmean Gàidhlig air eileanan an loch ag innse dhuinn?
Gun robh tòrr Gàidhlig ga bruidhinn san sgìr’ aig aon àm.
Gu bheil ainmean ùra, sa Ghàidhlig, gan toirt orra san latha an-diugh.
Gu bheil na h-ainmean agus a’ Ghàidhlig a’ tarraing luchd-turais.
Dè tha air innse a thaobh na tha a’ fàs mun cuairt air Loch Laomainn?
Tha muinntir an àite a’ cur tòrr chraobhan mun cuairt an locha.
Tha measgachadh mòr de lusan a’ fàs.
Chan eil mòran a’ fàs oir tha an loch a’ dèanamh cron air na lusan.
Dè tha air innse a thaobh èisg san loch?
Tha 40 seòrsa èisg san loch.
Tha 7 sèorsa èisg san loch.
Tha 20 seòrsa èisg san loch.
Cò bhiodh a’ seòladh air Loch Laomainn anns na linntean a dh’fhalbh?
Lochlannaich
Ceiltich
Sasannaich
Carson a tha bàtaichean nan dragh air an loch an-diugh?
Tha einnseannan cumhachdach aca is tha iad a’ dol ro luath air an loch.
Tha cus bhàtaichean air an loch, tha iad a’ gabhail suas cus rùm air an loch.
Tha fàileadh nan einnseannan a’ cur dragh air luchd-turais.
Dè na prìomh riaghailtean a tha na buidhnean-dìon airson a chuir an sàs?
Casg air bàtaichean uile gu lèir.
Casg air astar-siubhail air an loch.
Casg air daoine a tha a’ fàgail sgudail às an dèidh.
Dè an abairt a chuala tu san earrainn a sheallas an t-eagal a tha air na beathaichean mun cuairt Loch Laomainn?
“Eagal am beatha”.
“Dragh mòr ga chuir orra”.
“Eagal am mionaich”.
Dè am facal a tha a’ sealltainn gu bheil na buidhnean-dìon airson Loch Laomainn a chumail do ghinealaich eile?
Cudromach
Glèidheadh
Stòras