Cuin a bha Ar-a-mach na h-Ungaire ann?
1955
1956
1958
Cò mu dheidhinn a bha muinntir na h-Ungaire a’ gearan an toiseach?
Gun robh biadh agus connadh gann.
An t-Arm Dearg a’ toirt ionnsaigh.
Ionnsaigh bho NATO.
Dè dh’fheuch Nagy ri dhèanamh?
Dh’fheuch e ri bhith na dheachdaire.
Dh’fheuch e ris an t-Arm Dearg a chur fodha.
Dh’fheuch e ri Aonta Warsaw fhàgail agus deamocrasaidh a thoirt a-steach.
Cuin a chaidh Balla Bherlin a thogail?
1960
1963
1961
Carson a thog muinntir na Gearmailt an Ear balla ann am Berlin?
Gus muinntir na Gearmailt an Iar a chumail a-mach.
Gus muinntir na Gearmailt an Ear a chumail a-staigh oir bha iad air a bhith a’ teiche.
Gus stad a chur air malairt eadar a’ Ghearmailt an Ear agus a’ Ghearmailt an Iar.
Dè rinn an taobh an iar mu dheidhinn balla a bhith ga thogail?
Chuir an taobh an iar saighdearan a-steach airson am Balla a leagail.
Cha do rinn iad càil. Bha iad dhen bheachd gun robh balla na b’ fheàrr na cogadh.
Ghairm iad cogadh air a’ Ghearmailt an Ear agus air a’ USSR.
Cò chaidh a Bherlin an Iar ann an 1963 airson taic a chur ri muinntir Bherlin an Iar?
An Ceann-suidhe Kennedy
Winston Churchill
Nikita Khrushchev
Cuin a bha Cùis-èiginn Urchraichean Chuba ann?
Dàmhair, 1961
Dàmhair, 1962
Sultain, 1962
Dè dh’adhbhraich Cùis-èiginn Chuba?
Bha arm Chuba, fo Fidel Castro, a’ bagairt ionnsaigh air na SA.
Nuair a chaidh ionadan airson urchraichean Sòbhieteach a losgadh a lorg ann an Cuba.
Bha na SA ag iarraidh Cuba a ghabhail thairis oir bha tòrr siùcair is ola ann.
Dè na roghainnean a thagh Kennedy rè Cùis-èiginn Chuba?
Chuir Kennedy roimhe ionnsaigh a thoirt air Cuba. Chuir e a-steach feachdan armaichte nan SA.
Cha do rinn Kennedy càil. Bha e dhen bheachd gum biodh e ro chunnartach seach gum faodadh e cogadh niùclasach a thòiseachadh ris na Sòbhietich.
Stèidhich Kennedy bacadh-malairt. Chaidh bàtaichean nan SA a chur mu chuairt Chuba gus nach toireadh bàtaichean Sòbhieteach urchraichean a-steach.