Ainmich an taisbeanair leasachaidh eaconamach.
Mòr-thoradh Nàiseanta (GNP) gach neach
Àireamh dhaoine gach dotair
Ceudad nan inbheach le litearrachd
Dè am mìneachadh airson reat-breith?
Ceudad nan leanaban a rugadh airson gach 10,000 boireannach gach bliadhna
Àireamh nan leanaban a rugadh airson gach 1,000 boireannach gach bliadhna
An àireamh chloinne gach 1,000 a bhàsaicheas mus bi iad bliadhna a dh'aois
Dè am fear dhiubh seo a tha na fheart fiosaigeach a tha a' toirt buaidh air dùmhlachd-sluaigh?
Tìr-chumadh
Gnìomhachas
Conaltradh
Cò dhe na leanas nach eil na fhactar daonna a tha a' toirt buaidh air dùmhlachd-sluaigh?
Cothroman cosnaidh
Ùirean
Carson a tha àireamh-sluaigh an t-saoghail a' fàs cho luath?
Reat-breith ìosal agus reat-bàis àrd
Reat-breith àrd agus reat-bàis ìosal
Reat-breith ìosal agus reat-bàis ìosal
Carson a tha reat-breith ìosal ann an dùthchannan leasaichte?
Casg-gin furasta fhaotainn
Boireannaich a' pòsadh òg
Inbhe bhoireannach air a dhol sìos
Carson a tha reat-breith àrd ann an dùthchannan fo leasachadh?
Reat-bàis ìosal am measg leanaban
Clionaigean planadh teaghlaich
Feumar clann airson obair
Carson a tha reat-bàis ìosal ann an dùthchannan leasaichte?
Reat-bàis àrd am measg leanaban
Banachdachan airson ghalaran
Còmhdhail thruagh airson biadh a sgaoileadh
Carson a tha reat-bàis nas àirde ann an dùthchannan fo leasachadh?
Slàintealachd thruagh
Mòran dhotairean
Glè bheag de ghalaran
Dè chanadh tu mun àireamh-sluaigh ann an dùthchannan fo leasachadh?
A' tuiteam
A' dol suas
Stèidheil