Àireamhan àicheil test questions

1

Tha an teas ann an taigh Bhrus a' dol air leis fhèin ma thuiteas an teòthachd a-muigh gu -5°C.

Sa gheamhradh an-uiridh, bha an teòthachd a-muigh aig 3°C.

Cia mheud ceum a dh'fheumadh an teòthachd tuiteam mus tigeadh an teas air?

2

Nuair a dh'fhàg plèan Port-adhair Phrestwick, bha an teòthachd a-muigh aig 12°C.

Dh'èirich am plèan gu 10,000 meatair, agus bha an teòtachd a-muigh aig -50°C.

Obraich a-mach an diofar eadar an dà theòthachd sin.

3

Rinn Derek coimeas eadar an teòthachd ann am Fàsach a' Sahara agus am Pòla a Tuath.

Bha an teòthachd ann am Fàsach a' Sahara aig 32°C.

Bha an teòthachd aig a' Phòla a Tuath 46°C nas ìsle na bha an teòthachd ann am Fàsach a' Sahara.

Dè an teòthachd a bha aig a' Phòla a Tuath?

4

Aon latha sa Ghearran, rinn Eleana coimeas eadar an teòthachd ann an Dùn Èideann agus ann am Montreal.

Bha an teòthachd ann an Dùn Èideann aig 8°C.

Bha an teòthachd ann am Montreal aig -15°C.

Obraich a-mach an diofar eadar an dà theòthachd seo.

5

San Iuchar, 's e 9°C an teòthachd chuibheasach ann an Anchorage, Alasga.

San Fhaoilleach, bha an teòthachd chuibheasach air tuiteam 26°C.

Dè an teòthachd chuibheasach a bh' ann an Anchorage san Fhaoilleach?

6

Obraich a-mach 7 - 10

7

Obraich a-mach -3 + 10

8

Obraich a-mach 9 - (-5)

9

Obraich a-mach -6 + (-3)

10

Obraich a-mach -11 - (-11)