Riosg agus a bhuaidh test questions

1

Tha 20 cunntair ann am bogsa. Tha 9 buidhe, tha 4 dubh agus tha 7 uaine.

Dè a' choltachd gur ann uaine a bhios cunntair a bheir thu às a' bhogsa gun choimhead?

2

Tha 20 cunntair ann am bogsa. Tha 9 buidhe, tha 4 dubh agus tha 7 uaine.

Dè a' choltachd gur ann buidhe no dubh a bhios cunntair a bheir thu às a' bhogsa gun choimhead?

3

Tha 20 cunntair ann am bogsa. Tha 9 buidhe, tha 4 dubh agus tha 7 uaine.

Dè a' choltachd gur ann gorm a bhios cunntair a bheir thu às a' bhogsa gun choimhead?

4

Tha 20 cunntair ann am bogsa. Tha 9 buidhe, tha 4 dubh agus tha 7 uaine.

Dè a' choltachd nach ann dubh no uaine a bhios cunntair a bheir thu às a' bhogsa gun choimhead?

5

Tha dà dhìsinn 6-thaobhach air an comharrachadh 1, 1, 2, 2, 3, 3.

Dèan nota dhe gach paidhir àireamhan a tha comasach nuair a shadas tu an dà dhìsinn.

Tha na pàidhrichean àireamhan air an cur-ris gus sgòr fhaighinn. Bhon a tha na dìsnean air an comharrachadh 1-3, 's e 6 an àireamh as motha a tha comasach.

Dè a' choltachd gum faigh thu sgòr de 3?

6

Dè an sgòr as coltaiche?

7

Dè a' choltachd gum faigheadh tu sgòr de 6?

8

Chlàr Melanie an àireamh thursan a thuit prìne le cheann suas an dèidh a shadail dhan adhar.

Shad i am prìne 50 turas agus bha a cheann suas 9 tursan.

Dè a' choltachd gum bi an gob suas an ath turas a shadas i e?

9

Chlàr Melanie an àireamh thursan a thuit prìne le cheann suas an dèidh a shadail dhan adhar.

Shad i am prìne 50 turas agus bha a cheann suas 9 tursan.

Dè a' choltachd nach bi an gob suas an ath turas a shadas i e?

10

An-ath-latha shad Melanie am prìne suas 200 turas.

Cleachd na h-àireamhan aice bhon latha roimhe agus obraich a-mach, gu tuairmseach, cia mheud turas a bhiodh dùil aice a bhiodh gob a' phrìne suas?

11

Cleachd a' chraobh-dhiagram coltachd seo agus obraich a-mach a' choltachd gum bi i grianach agus gum bi reòiteag anns an ionad bìdh aig àm lòin.

A tree diagram showing the probability that it will be sunny and the canteen will serve ice-cream at lunch.

12

Tha David airson siubhal à Glaschu a dh'Inbhir Nis.

Ma ghabhas e bus, tha coltachd de \(\frac{2}{7}\) ann gum bi e fadalach.

Ma ghabhas e trèan, tha coltachd de \(\frac{1}{3}\) ann gum bi e fadalach.

An e trèan no bus a bu chòir David a ghabhail?

13

Tha Gemma airson a dhol a dh'àiteigin le tràigh airson nan saor-làithean.

'S e a' choltachd gum bi an t-uisge sa Ghrèig \(\frac{3}{20}\), agus 's e a' choltachd gum bi an t-uisge san Eadailt \(\frac{2}{15}\).

Dè an t-àite a bu chòir Gemma a thaghadh?

14

Tha taigh-bìdh aig Roy agus tha e a' taghadh companaidh ùr bhom faigh e measan agus lusan.

Tha "Fresh Veg" ag ràdh gu bheil iad a' lìbhrigeadh 48 òrdain a-mach à 50 air an uair.

Tha "Veg for you" ag ràdh gu bheil iad a' lìbhrigeadh 19 a-mach à 20 òrdan air an uair.

Dè an companaidh a bu chòir Roy a thaghadh?