Ceudadan test questions

1

Thoir \(4\) a-mach à \(20\) mar cheudad.

2

Bha deuchainn matamataig aig triùir nighean à diofar chlasaichean air an aon latha.

Fhuair Patricia \(27\) a-mach à \(50\). Fhuair Barbara \(28\) a-mach à \(40\). Fhuair Louise \(39\) a-mach à \(75\).

Obraich a-mach na comharran aca mar cheudadan agus cuir iad ann an òrdugh a' tòiseachadh leis an fhear as àirde.

3

Tha banca a' pàigheadh riadh de \(4.5\%\) gach bliadhna.

Ma thaisgeas mi \(£600\), dè an riadh a gheibh mi an dèidh bliadhna?

4

Bha telebhisean ga reic aig lasachadh de \(15\%\).

Dè phàigheas mi ma bha i a' cosg \(£210\) bho thùs?

5

Ann am buidheann dhaoine, bha \(17\) às an Fhraing, \(22\) às an Spàinn, \(32\) às a' Ghearmailt agus \(9\) às an Eadailt.

Dè an ceudad de dhaoine a bha às a' Ghearmailt?

6

Fhuair Irene \(11\) comharran a-mach à \(25\). Dè an comharra a th' aice mar cheudad?

7

Obraich a-mach \(20\%\) de \(60\,kg\).

8

Obraich a-mach \(17\frac{1}{2}\%\) de \(\$10.50\).

9

Bha càr a' cosg \(£5400\).

Chaidh a phrìs a lùghdachadh \(5\%\).

Dè a' phrìs ùr aig a' chàr?

10

Tha VAT aig \(20\%\) air bathar.

Obraich a-mach prìs tostair a tha a' cosg \(£25\) le VAT.