Deuchainn ghoirid bho Nàiseanta 5 Eachdraidh
Cò am buidheann a bhiodh a’ cruinneachadh fiosrachadh air muinntir na Gearmailt dhan Phartaidh Nadsaidheach?
An SS
An Gestapo
An SA
Ciamar a b’ urrainn dhaibh sùil a chumail air uiread de dhaoine?
Bha an t-uabhas dhiubh anns gach baile sa Ghearmailt.
Bha iad a’ cleachdadh luchd-brathaidh (luchd-innse).
Bha iad a’ dèanamh tòrr dhen obair aca ann am bailtean far an robh mòran dhaoine a’ fuireach faisg air a chèile.
Dè am buidheann a bha os cionn nan campaichean cruinneachaidh?
Dè an cothrom airson propaganda a thàinig ann an 1936?
A’ chiad Ralaidhean ann an Nuremburg
Oilimpigs Bherlin
Kristallnacht
Carson a bha slògain shìmplidh ann am propaganda nan Nadsaidhean?
Cha robh foghlam aig mòran dhe na Gearmailtich.
Bha e na b’ fhasa cuimhne a chumail orra.
Airson gum fiotadh iad air postairean is air bileagan.
Ciamar a dhèilig na Nadsaidhean ri leabhraichean san robh fiosrachadh an aghaidh nan Nadsaidhean?
Loisg iad iad.
Thug iad bhuapa iad.
Chuir iad am falach iad.
Carson a bha na Nadsaidhean ag iarraidh smachd air an Eaglais Chaitligich?
Bha iad airson smachd a bhith aca air mar a bha daoine a’ smaoineachadh.
Bha iad dhen bheachd gun robh Caitligich cunnartach do chumhachd phoilitigeach nan Nadsaidhean.
Bha iad airson gun sgaoileadh na sagartan am propaganda aca.
Dè tha 'untermensch' a’ ciallachadh?
Iùdhach
Nach e Gearmailteach a th’ annad
Fo-dhaonna
Cuin a bha Seachnadh a’ Ghiblein ann?
1932
1933
1934
Dè na laghan a chuir stad air pòsadh eadar Gearmailtich agus Iùdhaich?
Laghan teine an Reichstag
Achd a’ Chomasachaidh
Laghan Nuremberg
Cuin a bha Kristallnacht ann?
9 Samhain, 1938
11 Samhain, 1937
8 Samhain, 1938
Dè dh’fheumadh a bhith air Iùdhaich bho 1939?
Triantan dearg
Reul bhuidhe
Triantan buidhe
Carson nach robh mòran Ghearmailteach a’ cur an aghaidh nan Nadsaidhean?
Bha aonaidhean ciùird air an casg agus bha eagal air daoine ron Ghestapo.
Bha na Gearmailtich gu lèir a’ toirt taic dha na Nadsaidhean oir bhiodh iad a’ cumail rin geallaidhean.
Cha deach buidhnean dùbhlain a stèidheachadh sna 1930an.
Dè an dòigh san deach Niemoller an aghaidh nan Nadsaidhean?
Bha e os cionn dùbhlain eaglais an aghaidh nan Nadsaidheach.
Bha e os cionn buidheann a thug ionnsaigh air an SS.
Stèidhich e an Eaglais Aidmheileach airson cur an aghaidh Hitler.
Dè am buidheann a chaidh an aghaidh nan Nadsaidhean le dhol a thallachan dannsa?
Na Meuten
An Ròs Geal
Na Swing Kids