Diagraman staitistigeach test questions

1

Rinn Jamie rannsachadh. Dh'fhaighnich e do chàch sa chlas aige ciamar a thàinig iad dhan sgoil an latha sin.

Seo na freagairtean aca: coiseachd (13), bus (9), càr (6), baidhsagal (2).

Tha Jamie airson am fiosrachadh seo a shealltainn air clàr-cearcaill. Dè an ceàrn a dh'fheumadh siubhal ann an càr?

2

Chaidh clàr-cearcaill mu dhath sùilean 200 oileanach a roinn mar a leanas: donn (\(146^{\circ}\)), uaine (\(63^{\circ}\)), glas (\(36^{\circ}\)), gorm (\(115^{\circ}\)).

Cia mheud neach san t-sampall aig an robh sùilean uaine?

3

B' e cosgais iomlan nan saor-làithean \(\pounds420\).

Seo mar a sheall clàr-cearcaill a' chosgais:

biadh (\(180^{\circ}\)), taigh-òsta (\(90^{\circ}\)), siubhall (\(60^{\circ}\)), rudan eile (\(30^{\circ}\)).

Dè chaidh a chosg air siubhal?

4

Chaidh iarraidh air na tidsearan agus na sgoilearan ann an sgoil innse dè an Sianal TBh a b' fheàrr leotha. Seo an toradh:

BBC One (\(35\%\)), BBC Two (\(5\%\)), ITV (\(50\%\)), Sianal 4 (\(10\%\)).

Dè an ceàrn air clàr-cearcaill a riochdaicheadh BBC One?

5

Seo am buidseat aig seinneadair thairis air trì mìosan:

a' clàradh (\(\pounds6\,000\)), a' dèanamh an CD is a' chòmhdaich (\(\pounds3\,000\)), postairean (\(\pounds5\,000\)), cosgaisean làitheil (\(\pounds2\,000\)), aodach \(\pounds2\,000\).

Dè an ceàrn air clàr-cearcaill a riochdaicheadh na postairean?

6

Tha Clas 1C2 a' dol air chuairt ann am bus, ach chan eil fios aca dè am film a choimheadas iad.

Rinn iad rannsachadh agus seo an toradh.

A pie chart showing the most favourite film in a survey was Start Wars followed by Toy Story, Shrek and the Avengers.

Dè am film a bu chòir dhaibh a choimhead?

7

Tha Acadamaidh Udny airson gum bi dath ùr air èideadh na sgoile.

Rinn iad rannsachadh am measg nam balach is nan nigheanan airson faighinn a-mach dè an dath a b' fheàrr leotha.

Seo an toradh.

A bar chart showing the difference in school uniform colour choice by boys and girls

Dè an dath a bu chòir Acadamaidh Udny a thaghadh?

8

Tha IQ de 118 aig Alex.

Cleachd an loidhne as freagarraiche air an diagram airson tuairmse a dhèanamh air comharra Alex san deuchainn air eòlas coitcheann.

Scatter diagram showing positive correlation between IQ and result in general knowledge test

9

Fhuair Sheena 17 san deuchainn air eòlas coitcheann.

Cleachd an loidhne as freagarraiche air an diagram airson tuairmse a dhèanamh air IQ Sheena.

Scatter diagram showing positive correlation between IQ and result in general knowledge test

10

Seall air an diagram-sgapte gu h-ìosal.

Chaidh an loidhne as freagarraiche a tharraing.

'S e an co-aontar aice \(y = \frac{1}{2}x + 10\).

Scatter diagram showing correlation between test results with best fit line and y=½x + 10

Fhuair Ahmed 16 san deuchainn Matmataig, ach chaill e an deuchainn Saidheans.

Cleachd co-aontar na loidhne as freagarraiche airson comharra tuairmseach a lorg do Ahmed san deuchainn Saidheans.