Leughadh - Siubhal test questions

An t-seachdain seo tha sinn a' dol a thadhal air baile beag air a' Ghàidhealtachd a tha gu math ainmeil airson iomadach adhbhar, Am Ploc. Tha Am Ploc faisg air Loch Aillse agus tha mu ceithir cheud neach a' fuireach anns a' bhaile bheag bhrèagha seo. 'S e cala gu math seasgair, ainmeil a tha ann le tòrr bhàtaichean a' tadhal as t-samhradh.

Tha dhà no trì phrògraman telebhisein air a bhith air an clàradh anns A' Phloc. Bidh fios aig mòran gun robh an sreath Hamish Macbeth air a chlàradh an seo agus cuideachd bha earrannan de Inspector Allen Mysteries air an clàradh ann an seo cuideachd.

'S e seann bhaile a tha ann le seann taighean a tha a' dol air ais dhan 18mh agus 19mh linn. Chaidh a leasachadh anns na linntean sin airson cothrom a thoirt do Ghàidheil cosnadh fhaighinn bhon iasgach. Shoirbhich seo airson greis.

An-diugh tha Am Ploc beò le luchd-ealain, luchd togail-dhealbh agus luchd-turais. Tha a' chuid as motha de luchd-turais a' tighinn air sgàth 's gu bheil iad sgìth de na saor-làithean a tha na companaidhean mòra a' tairgsinn. Tha iad airson fois agus sìth fhaighinn. Bidh tòrr luchd-turais a' dol air na tursan bàta as t-samhradh. Bidh iad a' seòladh timcheall bàgh A' Phluic far a bheil ròin agus eunlaith.

Ma gheibh thu an cothrom a dhol ann, tha mi glè chinnteach gun aidich thu gur e baile air leth brèagha a tha ann agus gu bheil taighean-bìdh ann a tha airidh air moladh.

1

Dè tha an t-artaigil seo ag ràdh mun Phloc anns a' chiad pharagraf?

2

Dè am fiosrachadh a tha air a thoirt seachad mun Phloc anns an dara seantans?

3

Carson a tha na prògraman telebhisein Hamish Macbeth agus Inspector Allen Mysteries air an ainmeachadh?

4

Dè am fiosrachadh eachdraidheil a tha sinn a' faighinn an seo?

5

Carson a chaidh Am Ploc a leasachadh?

6

Ciamar a tha fios againn nach do mhair an leasachadh seo?

7

A rèir na h-earrainne, cò tha Am Ploc a' tarraing an-diugh?

8

Carson a tha luchd-turais a' tighinn dhan àite?

9

Carson a bhios luchd-turais a' dol air tursan bàta sa Phloc?

10

A bharrachd air na seallaidhean brèagha, dè eile a tha ri mholadh anns A' Phloc a rèir a' pharagraf mu dheireadh?

11

Dè seòrsa sgrìobhaidh a tha seo?

12

Nad bheachd, càit an nochdadh earrann mar seo?

13

Saoil cò dha a chaidh an earrann seo a sgrìobhadh?