An Uamh: tuigse bhon cho-theacsa test questions

Leugh sgeulachd ghoirid An Uamh agus freagair na ceistean a leanas.

1

Dè tha ag innse don leughadair nach robh càil a-mach às an àbhaist mun uaimh agus far an robh i?

2

..le casan èasgaidh nach fhaca ach còig samhraidhean deug.

Dè tha an loidhne seo ag innse don leughadair?

3

Coimhead air an dara paragraf a-rithist agus air a' cheist Carson a smaoinicheadh?

Carson a tha a' cheist seo feumail san sgeulachd?

4

Dè a tha fìor mun phuingeachadh anns a' pharagraf a tha a' tòiseachadh

Nuair a ràinig Calum a’ chreag, shaoil e gun robh doras innte…?

5

Bha solais de chriostail a’ dòrtadh bho mhullach an t-seòmair, ’s iad na bu shoilleire na grian a chunnaic duine riamh.

Cò ris a bha na solais air an coimeas?

6

Sheall Calum air a chùlaibh car tiotain

Dè tha car tiotain a' ciallachadh?

7

Bha sùilean Chaluim air an tarraing gu leabhar mòr gorm, leabhar a bha cho mòr 's gun canadh neach gun robh mìle duilleag ann.

Dè tha an sgrìobhadair a' cleachdadh airson sealltainn gur e leabhar cudromach a tha seo?

8

Leugh am paragraf a' tòiseachadh

Tha iongnadh ort," thuirt e. "Tha iongnadh ort mun leabhar

sìos gu

Ach chan fhaod mi sin innse dhut.

Dè tha an duine ag innse do Chalum mun obair a th' aige?

9

Dè na smuaintean a bh' aig Calum a' fàgail Beinn a' Chreachainn?

10

A' smaoineachadh air an sgeulachd air fad, carson a chleachd an sgrìobhadair ainmean dhaoine ainmeil a leithid Churchill, Hitler, Mac an t-Srònaich agus Einstein, a tha gu tur eadar-dhealaichte bho chèile ach air a bheil daoine eòlach?