Co-mheas test questions

1

Sgrìobh san riochd as sìmplidhe, an co-mheas eadar sgoilearan a bhios a' cleachdadh na làimh chlì agus sgoilearan a bhios a' cleachdadh na làimh dheis ann an clas ma tha 6 sgoilearan a' sgrìobhadh leis an làimh chlì agus 18 leis an làimh dheis.

2

Cheannaich Neil 12 tiona liomanaid agus 21 tiona cola.

Sgrìobh an co-mheas eadar an liomanaid agus an cola san riochd as sìmplidhe.

3

Tha 36 suiteis aig Claire. Tha i a' dol gan roinn cuide ri a piuthar sa cho-mheas 5:1, agus gheibh i a' chuid as motha dhiubh.

Cia mheud suiteas a gheibh a piuthar?

4

Tha 28 neach air bus.

Tha an co-mheas eadar fireannaich agus boireannaich aig 6:1.

Cia mheud fireannach a th' air a' bhus?

5

Roinn 880g de bhiadh eadar an cat agus an cù sa cho-mheas 3:5.

6

Chaidh £120 a roinn sa cho-mheas 3:4:5.

Dè a' chuibhreann as motha?

7

Lorg a' chuibhreann as motha nuair a tha £192.50 air a roinn sa cho-mheas 2:5.

8

Lorg a' chuibhreann as lugha nuair a tha 260g air a roinn sa cho-mheas 4:2:7.

9

Ann an taghadh bhòt 7800 neach airson nan Làbaraich, nan Tòraidhean no airson nan Liberalaich Dheamocratach sa cho-mheas 4:3:5.

Cia mheud a bhòt airson nan Tòraidhean?

10

Chaidh £109.80 a roinn eadar Gerald agus a dhithis pheathraichean sa cho-mheas 5:2:2.

Dè fhuair gach piuthar?