Dè an diofar a tha eadar steach-bhathar agus mach-bhathar?
Bidh steach-bhathar a' fàlbh à dùthaich agus bidh mach-bhathar ga thoirt a-steach.
Bidh steach-bhathar agus mach-bhathar ga thoirt a-steach a dhùthaich.
Bidh steach-bhathar ga thoirt a-steach a dhùthaich agus bidh mach-bhathar a' falbh à dùthaich.
Dè nach eil na bhuaidh de chruinneachas?
Barrachd malairt eadar-nàiseanta.
Chan eil dùthaich an urra cho mòr ris an eaconamaidh chruinneil.
Corporaidean ioma-nàiseanta
Dè nach eil na adhbhar airson cruinneachas?
Bacaidhean malairt
Tele-chonaltradh nas fheàrr
Saorsa malairt
Dè nach eil fìor mu chorporaidean ioma-nàiseanta?
Bidh iad ag obrachadh ann an iomadh dùthaich air feadh an t-saoghail.
Bidh iad a' tasgadh ann an dùthchannan eile le bhith a' togail factaraidh no a' fosgladh bùth.
Tha iad a' tòiseachadh ann an dùthchannan fo leasachadh.
Dè nach bi a' tàladh chorporaidean ioma-nàiseanta a dhùthaich?
Daoine a nì obair shaor
Faighinn gu margaidean far am bi bathar ga reic
Poileasaidhean mì-chàirdeil Riaghaltais
Dè nach eil na dheagh bhuaidh de chruinneachas?
Prothaidean a' falbh às an dùthaich aoigheachd
Sgilean agus obraichean ùra
Tasgadh san eaconamaidh ionadail, me foghlam
Dè chanar ris an diofar a tha eadar luach mach-bhathair agus luach steach-bhathair dùthcha.
Cothromachadh malairt
Còrr malairt
Easbhaidh malairt
Dè nach eil na adhbhar airson neo-ionannachd malairt?
Fiachan eadar-nàiseanta
Tubaistean nàdarra
Stòrasan nàdarra gu leòr
Dè nach eil na bhuaidh bho phàtrain malairt cruinneil air an àrainneachd?
Inbhe-beòshlaint ìosal
Truailleadh uisge
Milleadh-fearainn
Dè th' ann an caidreachas malairt?
Nuair a bhios tuathanaich a' faighinn prìs chothromach airson a' bhathair aca
Buidheann dhùthchannan a bhios a' tighinn còmhla airson gum bidh e nas fhasa dhaibh a bhith ri malairt
Nuair a tha bàrr ga fhàs ann an dòigh nach bi a' dèanamh milleadh buan air an àrainneachd