Cò bha os cionn propaganda Nadsaidheach?
Joseph Goebbels
Himmler
Ernst Rohm
Ciamar a b’ urrainn dha na Nadsaidhean pàigheadh airson iomairtean daora taghaidh sna 1930an?
Bha Nadsaidhean mar Hitler, Goring agus Goebbels uabhasach beairteach.
Bha luchd-gnothachais beairteach a’ toirt taic dha na Nadsaidhean.
Ghoid an SA airgead bho ghnothachasan Iùdhach sna 1920an.
Carson a bha an t-eagal air na Gearmailtich ro chomannaich?
Bha comannaich airson gum biodh gnothachasan leis an riaghaltas agus gum biodh beairteas air a roinn ann an dòigh a bha co-ionann.
Bha comannaich airson gum biodh gnothachasan ann an sealbh prìobhaideach agus gum biodh beairteas air a roinn ann an dòigh a bha co-ionann.
Bha comannaich airson gum biodh gnothachasan leis an riaghaltas agus gum biodh daoine beairteach fhathast beairteach.
Carson a bha Briseadh Wall Street cho dona dhan Ghearmailt?
Cha b’ urrainn dhan Ghearmailt iasadan iarraidh air na Stàitean Aonaichte.
Bha na Stàitean Aonaichte ag ràdh gun deigheadh a chogadh ris a’ Ghearmailt airson an t-airgead fhaighinn air ais.
Bha na Stàitean Aonaichte airson gum deigheadh na h-iasadan a thug iad dhan Ghearmailt air am pàigheadh air ais.
Cuin a thàinig Hitler gu bhith na Sheansalair air a’ Ghearmailt?
San Fhaoilleach 1932
San Fhaoilleach 1933
San Fhaoilleach 1934
Dè thug air daoine smaoineachadh gun cuireadh na Nadsaidhean stad air fòirneart agus an-fhois sa Ghearmailt?
Seach gun robh an SA ann.
Bha taic Arm na Gearmailt aig Hitler.
Seach gun robh an SS ann.
Cò air an deach a’ choire airson an teine san Reichstag?
Na Nadsaidhean
Na Comannaich
Na Sòisealaich
Ciamar a chleachd Hitler Teine an Reichstag gu mhath fhèin?
Chuir e mòran de cheannardan comannach dhan phrìosan.
Chuir e na comannaich gu lèir a-mach às a’ Ghearmailt.
Leig e van der Lubbe mu sgaoil airson gum biodh e fhèin a’ coimhead tròcaireach.
Dè an achd a thug cead do Hitler laghan a dhèanamh gun bhruidhinn ris a’ phàrlamaid?
Achd Teine Reichstag
An Concordat
Achd a’ Chomasachaidh
Dè bha sa Choncordat?
Aonta eadar na Nadsaidhean agus an Eaglais Phròstanach.
Aonta eadar na Nadsaidhean agus am Pàp.
Aonta eadar na Nadsaidhean agus na Comannaich.
Dè thachair Oidhche nan Sgeinean Fada?
Mharbh an SA mòran de cheannardan an SS.
Mharbh an SA mòran de cheannardan nan Comannach.
Mharbh an SS mòran de cheannardan an SA.
Cuin a fhuair Hitler an t-ainm Fuhrer na Gearmailt?
San Lùnastal 1933
San Lùnastal 1934
San Lùnastal 1935