Càit am bi stoirmean tropaigeach a' tachairt?
Eadar an Crios-meadhain agus Tropaig Chansar san leth-chruinne a tuath, agus eadar an Crios-meadhain agus Tropaig Chapracorn san leth-chruinne a deas, far a bheil teòthachd na mara os cionn 27ºC.
Eadar an Crios-meadhain agus Tropaig Chapracorn san leth-chruinne a tuath, agus eadar an Crios-meadhain agus Tropaig Chansar san leth-chruinne a deas, far a bheil teòthachd na mara os cionn 27ºC.
Eadar an Crios-meadhain agus Tropaig Chansar san leth-chruinne a tuath, agus eadar an Crios-meadhain agus Tropaig Chapracorn san leth-chruinne a deas, far a bheil teòthachd na mara fo 27ºC.
Dè na dh’fheumas tachairt mus tòisich stoirm tropaigeach?
Bruthadh èadhair ìosal, teòthachd fo 27ºC agus èadhar a' snìomhadh sìos.
Bruthadh èadhair ìosal, teòthachd os cionn 27ºC agus èadhar a' snìomhadh sìos.
Bruthadh èadhair àrd, teòthachd os cionn 27ºC agus èadhar a' snìomhadh suas.
Ciamar a ghabhas stoirmean tropaigeach a ro-innse?
Meatairean-aomaidh
Sònaichean bacaidh
Saidealan
Càit am bi a' mhòr-chuid de chrithean-talmhainn a' tachairt?
Bidh a' mhòr-chuid a' tachairt ri iomaill nam pleitean teactonaig.
Bidh a' mhòr-chuid a' tachairt ann am meadhan nam pleitean teactonaig.
Sa h-uile h-àite - chan eil pàtran ann.
Dè bhios ag adhbhrachadh crith-thalmhainn?
Pleitean a' gluasad ri chèile, a' stad agus a' leum bho chèile.
Pleitean a' gluasad bho chèile agus an rùsg a' dol air chrith.
Pleitean a’ gluasad taobh ri taobh a’ steigeadh, bruthadh ag èirigh agus na pleitean a’ leum bho chèile gu h-obann.
Dè bhios ag adhbhrachadh tsunami?
Crith-thalmhainn fo uisge
Crith-thalmhainn fon talamh
Bruthadh èadhair ìosal
Dè an uidheam a th' air a chleachdadh gus cuideachadh le crithean-talmhainn a ro-innse?
Drileachan crith-thalmhainn
Càit am bi a' mhòr-chuid de phrìomh spreadhaidhean bholcànach a' tachairt?
Bidh a' mhòr-chuid a' tachairt ri iomaill nam pleitean teactonaig
Bidh a' mhòr-chuid a' tachairt ann am meadhan nam pleitean teactonaig
Sa h-uile h-àite - chan eil pàtran ann
Dè an dòigh a th’ air a chleachdadh airson spreadhaidhean bholcànach a ro-innse?
Gasaichean a' dol mu sgaoil
Atharrachadh ann am bruthadh èadhair
Barrachd obair crith-thalmhainn