Sgrìobhadh cruthachail test questions

Chaidh a ràdh mu thràth gu bheil e cudromach gum bi thu a' cleachdadh abairtean a bhuineas dhan Ghàidhlig agus air nach eil blas na Beurla. Tha e cuideachd cudromach gun seall thu nad sgrìobhadh gun urrainn dhut diofar dhòighean a chleachdadh gus an aon rud a ràdh. Dè na h-abairtean gu h-ìseal a tha a’ ciallachadh an aon rud ris na seantansan a leanas?

1

Thug mi sùil air an duine.

2

Chuir mi mo chùl ris an eilean.

3

Thug iad an casan leotha.

4

Cha deigheadh e leam.

5

Thog iad orra às a’ bhaile sin.

6

Dh’fhàg e orm gur e mise a rinn e.

7

Dè dh’èirich dhut?

8

Thàinig e a-steach orm.

9

Chaidh iad a-mach air a chèile.

10

Ghabh mi romham.