Càit an do thòisich Anndra Moireach an t-ar-a-mach aige an aghaidh nan Sasannach?
Ceann an ear-thuath Alba
Meadhan Alba
Ceann a deas Alba
Dè na caistealan aig tuath a ghlac Anndra Moireach air ais bho na Sasannaich ann an 1297?
Inbhir Nis agus Banbh
Inbhir Nis agus Dùn Bàrr
Dùn Bhreatann agus Banbh
Cò mharbh Uilleam Ualas nuair a thòisich an t-ar-a-mach aige sa cheann an iar-dheas?
Siorraidh Sasannach Lannraig.
Siorraidh Albannach Lannraig.
Siorraidh Sasannach Shruighlea.
Càit an do ghèill uaislean Alba dha na feachdan Sasannach?
Sgàin
Irbhinn
Sruighlea
Càit an do choinnich am Moireach agus Ualas ann an 1297?
Dùn Èideann
Dùn Dèagh
Càit an do shuidhich am Moireach agus Ualas Arm na h-Alba ro Bhlàr Drochaid Shruighlea?
Air beulaibh Drochaid Shruighlea.
Air Creag na h-Abaid.
Ri taobh Caisteal Shruighlea.
Bha Iarla Shurrey air cuid de shaighdearan Shasainn a thilleadh dhachaigh ro Bhlàr Drochaid Shruighlea. Dè bha sin a’ sealltainn?
Bha e an dùil gun robh na Sasannaich a’ dol a chall agus bha e airson an sàbhaladh.
Bha e an dùil gun cuireadh na Sasannaich fodha na h-Albannaich gun dragh sam bith.
Bha e an dùil nach robh rùm gu leòr dhaibh uile air raon a’ bhlàir.
Carson a rinn Drochaid Shruighlea duilgheadas dha na Sasannaich?
Bha i cumhang agus cha b’ urrainn eachraidh a dhol thairis oirre.
Bha i fada bho far an robh iad ri taobh a’ chaisteil.
Bha i cumhang, agus chan fhaigheadh ach ach beagan shaighdearan thairis oirre aig an aon àm.
Cuin a thug Arm Alba ionnsaigh aig Drochaid Shruighlea?
Nuair a bha àireamh mhòr de Shasannaich air a dhol tarsainn na drochaid.
Nuair a bha na Sasannaich gu lèir air a dhol tarsainn na drochaid.
Nuair a thòisich na Sasannaich air a dhol tarsainn na drochaid.
Carson a b’ e Ualas an aon Fhear-gleidhidh a bh’ ann an Alba aig toiseach 1298?
Bhrath Anndra Moireach Alba agus ghabh e dha na feachdan Sasannach.
B’ e Ualas an ceannard a b’ fheàrr agus leig am Moireach dheth a dhreuchd.
Chaidh Anndra Moireach a leòn agus chaochail e goirid an dèidh Blàr Drochaid Shruighlea.
Carson a b’ fheudar do Ualas sabaid san Eaglais Bhric?
Bha na fir aige air an sàrachadh bho bhith a’ falach air na Sasannaich.
Thàinig armailt Eideird air gun fhiosta.
Cha robh biadh gu leòr no càil eile aige dhan armailt aige.
Dè a’ bhliadhna san robh Blàr na h-Eaglaise Brice?
1298
1299
1305
Dè an seòrsa saighdeir a bu chòir a bhith air dìon a thoirt do bhoghadairean is sioltronan Alba ann am Blàr na h-Eaglaise Brice?
Eachraidh
Pìcearan
Luchd-sadail chlachan
Ciamar a chaidh eachraidh Alba a thilleadh bho Bhlàr na h-Eaglaise Brice?
Le neart boghadairean Shasainn.
Le neart eachraidh Shasainn.
Le neart saighdearan-coise Shasainn.
Dè rinn Ualas an dèidh Blàr na h-Eaglaise brice?
Dh’ath-nuadhaich e Arm Alba gus ionnsaigh eile a thoirt.
Leig e dheth a dhreuchd mar Urrasair Alba.
Lean e air na dhreuchd mar Urrasair Alba gus an do chaochail e ann an 1305.