Leughadh - Naidheachdan test questions

Thàinig fios on Riaghaltas an-diugh gu bheil rannsachadh poblach gu bhith ann a thaobh an rathaid timcheall Loch Liapaig. Tha leth-cheud mìle càr a' siubhal air an rathad gach bliadhna, ach le droch staid an rathaid chan urrainn dhaibh a dhol nas luaithe na 30 no 40 mìle san uair.

Thuirt fear-labhairt bho choimhearsnachd ionadail Loch Liapaig gun robh iad air leth toilichte an naidheachd a chluinntinn. Thuirt e cuideachd gun robh iad air a bhith a' gearain o chionn fichead bliadhna co-dhiù mu dhroch staid an rathaid agus gun robh iomadach tubaist air a bhith air an rathad.

Thuirt neach-labhairt on riaghaltas gun robh an t-àm ann rudeigin a dhèanamh mun rathad seo. Thuirt e gun robh am pàrtaidh aige dìreach air faighinn a-steach mar riaghaltas agus gum b' e seo aon de na molaidhean aca ron taghadh nàiseanta. Bha e an dòchas gum biodh rathad brèagha ùr ann taobh a-staigh deich bliadhna.

Bha an luchd-labhairt bhon AA agus bhon RAC le chèile toilichte an naidheachd a chluinntinn. Thuirt Anna NicDhòmhnaill bhon AA gun dèanadh rathad ùr feum do dh'eaconamaidh na Gàidhealtachd. Bhiodh cothrom aig dràibhearan siubhal na bu luaithe agus bhiodh an ùine eadar Glaschu agus An Gearastan air a ghearradh gu mòr. Bha ise den bheachd gun sàbhaladh dràibhearan leth-uair a thìde air an rathad ùr.

1

Dè thuirt an riaghaltas mun rathad timcheall Loch Liapaig?

2

Carson nach urrainn do dhràibhearan a dhol nas luaithe na 30 no 40 mìle san uair?

3

Dè thuirt fear-labhairt bho choimhearsnachd ionadail Loch Liapaig?

4

Dè na gearain a bha aig muinntir Loch Liapaig?

5

Dè thuirt neach-labhairt on riaghaltas?

6

Carson nach do rinn an riaghaltas dad ron seo?

7

Dè tha an riaghaltas an dòchas a thachras taobh a-staigh deich bliadhna?

8

Dè tha an AA ag ràdh mun chùis?

9

Dè am feum a nì rathad ùr do dhràibhearan?

10

Dè an ùine a tha daoine a' dol a shàbhaladh air an turas eadar Glaschu agus A' Ghearastan?

11

Nad bheachd, càit an nochdadh earrann mar seo?

12

Saoil cò a bu mhotha dhan deach an earrann seo a sgrìobhadh?