Riadh fillte test questions

1

Thaisg Malcolm £600 ann an cunntas-sàbhalaidh le ìre rèidh de 2% gach bliadhna.

Obraich a-mach an t-sùim iomlan a gheibh e mura buin e dhan airgead airson 4 bliadhna.

Cruinnich chun na sgillinn as fhaisge.

2

Thaisg Julia £5200 ann an cunntas-sàbhalaidh le ìre rèidh de 3.4% gach bliadhna.

Obraich a-mach an t-sùim a bhios aice sa chunntas an dèidh 3 bliadhna mura buin i dhan airgead. Cruinnich chun na sgillinn as fhaisge.

3

Cheannaich Alice càr a chosg £7500. Dh'ìslich a luach 7% gach bliadhna.

Dè uiread 's a bha luach a' chàir air ìsleachadh an dèidh 2 bhliadhna? Cruinnich chun na sgillinn as fhaisge.

4

Cheannaich Sarah càr a chosg £12,500. Dh'ìslich an luach aige 8% sa chiad bhliadhna, 10% san dara bliadhna agus 5% san treas bliadhna.

Dè an luach a tha sa chàr an dèidh 3 bliadhna? (Cruinnich chun na sgillinn as fhaisge).

5

Cheannaich Dave dealbh a chosg £250.

Dh'àrdaich an luach aige 16% sa chiad bhliadhna agus an uair sin 21% san dara bliadhna.

Dè uiread 's a dh'àrdaich luach an deilbh an dèidh 2 bhliadhna?

6

Thathar a' meas gu bheil 84,000 tunna de chuideam ann am beinn-deighe.

Nuair a tha a' bheinn-deighe a' gluasad a dh'uisge nas blàithe, tha an cuideam aice a' lùghdachadh 25% gach latha.

Dè an cuideam a bhios sa bheinn-deighe an dèidh 3 latha ann an uisge nas blàithe?

7

Tha comhairle ag ath-chuairteachadh 42,000 tunna gach bliadhna.

Tha a' chomhairle airson na tha de sgudal air ath-chuairteachadh a chur suas 8% gach bliadhna.

Dè na tha iad an dùil de sgudal ath-chuairteachadh an ceann 3 bliadhna?

8

Cheannaich Hector sèathar àrsaidh a chosg £600.

Tha e an dùil gun tèid an luach aige suas aig reat de 4.5% gach bliadhna.

Dè an luach a tha e an dùil a bhios ann an ceann 3 bliadhna?

9

Chuir Diana £3,500 ann an cunntas a tha a' pàigheadh riadh de 4% gach bliadhna (a h-uile bliadhna).

Dè na bhios sa chunntas an dèidh 3 bliadhna?

10

Bha 250 cileagram de dhearcan-fìona ann am fìon-lios ann an 2005.

Thathar a' meas gum bi an àireamh chileagraman a' dol suas aig reat de 3% gach bliadhna san ath 5 bliadhna.

Obraich a-mach cuideam nan dearcan-fìona a dh'fhàsas an ceann 5 bliadhna.