Apprenticeships test questions

Answer these questions on being an apprentice.

1

Mur eil thu airson a dhol air adhart gu colaiste no oilthigh, carson nach dèan thu preantasachd? Tha an cothrom ann preantasachd a dhèanamh ann an iomadh roinn.

Why might you consider an apprenticeship?

2

Mar phreantas, gheibh thu cothrom obrachadh còmhla ri luchd-obrach eòlach, sgilean practaigeach fhaighinn san dreuchd a chòrdadh riut agus tuarastal a chosnadh.

What opportunities will you get as an apprentice?

3

Ged nach eil thu nad oileanach làn-ùine, bidh a' mhòr-chuid de phreantasachdan a' toirt ùine dhut a dhol dhan cholaiste gus barrachd ionnsachadh mun dreuchd. Mar as trice, bidh seo a' tachairt latha san t-seachdain.

Why do most apprentices still have to spend some time in college?

4

Air a' Ghàidhealtachd ge-tà, tha an t-astar mòr a tha ri shiubhal a' ciallachadh gum feum cuid de na preantasan às na sgìrean dùthchail gluasad a dh'Inbhir Nis airson greis tron bhliadhna. Bidh iad a' fuireach ann an taigh leabaidh agus bracaist fad na seachdain agus an uair sin a' tilleadh dhachaigh dhan obair aca.

Why must some apprentices from rural areas in the Highlands spend some time staying in Inverness?

5

Tha Calum MacMhurchaidh a' dèanamh preantasachd saorsainneachd san Eilean Sgitheanach.

"Chan eil e a' còrdadh rium a bhith air falbh on taigh ach tha an trèanadh anns a' cholaiste glè fheumail. Tha mi ag ionnsachadh mòran nuair a tha mi ag obair air an làrach san Eilean cuideachd. Tha obair a' feitheamh orm nuair a chuireas mi crìoch air a' phreantasachd."

What will happen to Calum Murchison when his apprenticeship finishes?

6

Ged a tha ìomhaigh aig preantasachdan mar rudan a tha ceangailte ri obair-chiùird thraidiseanta, a leithid saor, no plumair, no meacanaig, tha an cothrom ann an dèanamh ann an iomadh dreuchd. 'S e sin a rinn Marsaili Mhoireasdan às na Hearadh.

What image do apprenticeships have?

7

"Nuair a bha mise san sgoil, bhithinn ann an trioblaid fad na h-ùine leis na ceannardan. Ach b' e Eaconamas Dachaigh an aon chlas anns nach bithinn a' faighinn trod. Mhol mo thidsear-stiùiridh dhomh gum bu chòir dhomh preantasachd a dhèanamh mar chòcaire agus 's e sin a rinn mi. Tha mi a-nis ag obair mar phrìomh-chòcaire ann an taigh-òsta mòr ann an Glaschu."

What was special about Home Economics for Marsaili?

8

Gu dearbh, mur eil an sgoil a' còrdadh riut ro mhath, ach tha thu ro òg airson an sgoil fhàgail, 's urrainn dhut tòiseachadh air nuair a tha thu fhathast anns an sgoil. Tha am pailteas de chothroman ann, le innleadaireachd, cùram-chloinne, cunntasachd agus teicneòlas fiosrachaidh.

What selection of available apprenticeships are mentioned?

9

Bidh an riaghaltas a' cur taic-airgid ri na sgeamaichean seo agus tha seo ga dhèanamh tarraingeach do ghnìomhachasan de gach seòrsa a bhith a' toirt a-steach dhaoine ùra le ùidh san obair aca.

How does the government make apprenticeship schemes attractive to employers?

10

Nam bu toigh leat preantasachd a dhèanamh, gheibhear barrachd fiosrachaidh air làraich-lìn.

If you would like to do an apprenticeship, what support is there?