Cia mheud saighdear a ghabh a dh’Arm Bhreatainn gu saor-thoileach sa chiad trì mìosan de 1914?
250,000
400,000
900,000
Nuair a thòisich an cogadh san Lùnastal 1914, dè cho fada ’s a bha daoine a’ smaoineachadh a mhaireadh e?
Sia mìosan air a’ char a b’ fhaide
Co-dhiù bliadhna
Trì no ceithir bliadhnachan
Dè cho domhainn agus cho leathann ’s a bha na trainnsichean mar bu thrice?
Còig troighean a dhoimhneachd sia troighean a leud
Seachd troighean a dhoimhneachd sia troighean a leud
Naoi troighean a dhoimhneachd naoi troighean a leud
Dè bha “a’ dol thar a’ mhullaich” a’ ciallachadh?
Chanadh saighdearan “a’ dol thar a’ mhullaich” nuair a bha iad a’ dol dhan toidhleat.
Bha “a’ dol thar a’ mhullaich” a’ ciallachadh gum feumadh tu d’ fhalt a ghearradh seach gun robh e làn mhialan.
Bha “a’ dol thar a’ mhullaich” a’ ciallachadh a bhith a’ gabhail làn phàirt ann an ionnsaighean air an aghaidh.
Cia mheud urchair sa mhionaid a losgadh gunna mòr?
200 urchair sa mhionaid
600 urchair sa mhionaid
800 urchair sa mhionaid
Dè bh’ ann an “tinneas nan sligean?”
B’ e tinneas a bh’ ann a bh’ air adhbhrachadh le cus deoch-làidir.
B’ e seòrsa de thinneas inntinn a bha a’ tighinn air cuid dhe na fir a bh’ ann an “tinneas nan sligean”
B’ e galar a bh’ ann a bha air adhbhrachadh le coiseachd air pìosan shligean air a’ bhlàr.
Dè bhiodh saighdearan a’ dèanamh gus buaidh làmhachais air na trainnsichean a lùghdachadh?
Bhiodh na saighdearan a’ togail thrainnsichean ann an loidhneachan nach robh dìreach.
Bhiodh na saighdearan a’ togail thrainnsichean ann an loidhneachan fada, dìreach.
Bhiodh na saighdearan a’ togail thrainnsichean ann an cearcallan.
Dè an % de bhàsan air raon a’ chogaidh sa Chiad Chogadh Mhòr a chaidh adhbhrachadh le bhith a’ cleachdadh làmhachas?
20%
40%
60%
Cuin a chaidh gas puinnseanta a chleachdadh an toiseach sa Chiad Chogadh Mhòr?
1915
1916
1917
Dè an t-ainm a bh’ air plèanaichean ùra na Gearmailt?
Unterseeboot
Zeppelin
Luftwaffe