Leughadh - Eachdraidh-beatha test questions

Cò shaoileadh nuair a rugadh mi, ceud bliadhna air ais, gum bithinn-sa beò fhathast. Nuair a choimheadas mi air ais, tha e a' cur eagal orm na h-atharrachaidhean a tha air tighinn air an t-saoghal. Rugadh mi anns an dachaigh againn ann an Inbhir Pheofharain. Bha an Rìgh Eideard VII a' riaghladh na dùthcha agus bha sinn bliadhna air falbh on chogadh a b' oillteile a chunnaic an saoghal riamh, An Cogadh Mòr. Bha mise bliadhna a dh'aois nuair a thòisich an cogadh sin. Cha robh taigh anns a' bhaile aig nach robh aon duine co-dhiù a bha an sàs anns a' chogadh, an dàrna cuid anns an arm no anns an nèibhidh. Dh'fhalbh m' athair dhan Fhraing ann an 1916 còmhla ri balaich eile bho air feadh na Gàidhealtachd. Cha do thill e. B' fheudar do mo bhràthair Uilleam, a bha sia bliadhna deug a dh'aois aig an àm, coimhead an dèidh an teaghlaich - dithis bhràthair agus dithis pheathraichean. Bha cùisean doirbh ach bha na nàbaidhean gu math coibhneil. Fhuair Uilleam obair aig MacShimidh, an t-uachdaran. B' e duine gasta a bha ann. Nuair a dh'fhàg mise an sgoil aig 14 bliadhna a dh'aois chaidh mi a dh'obair còmhla ri tuathanach faisg air a' bhaile. Bha mi a' dèanamh tòrr rudan eadar-dhealaichte air an tuathanas. Tha mi cinnteach gur e an rud a b' fheàrr a chòrd rium 's e a bhith a' treabhadh as t-earrach.

1

Dè tha a' cur iongnadh air an sgrìobhadair?

2

Dè tha a' cur eagal air?

3

Càit an d' rugadh an sgrìobhadair?

4

Dè tha e ag ràdh mun Chogadh Mhòr?

5

Dè tha an sgrìobhadair ag ràdh mu gach taigh anns a' bhaile aige?

6

Dè tha an sgrìobhadair ag innse mu athair?

7

Dè bha aig a bhràthair, Uilleam, ri dhèanamh aig aois 16 bliadhna?

8

Dè tha an sgrìobhadair ag ràdh mun uachdaran?

9

Dè rinn an sgrìobhadair aig aois 14 bliadhna?

10

Dè seòrsa sgrìobhaidh a tha seo?

11

Nad bheachd, càit an nochdadh artaigil mar seo?

12

Saoil cò as motha aig am biodh ùidh anns an artaigil seo?