Astar, luaths agus ùine test questions

1

An dèidh biadh a ghabhail, bidh boiteag a' gluasad astar de 45 cm ann an 90 diog.

Obraich a-mach luaths na boiteig.

2

Dh'fhàg càr Dover aig 8.00m agus ràinig e Lunnainn aig 10.30m.

Ma bha an t-astar 120 km, obraich a-mach an luaths cuibheasach.

3

Bha siorc a' snàmh aig astar de 13 m/d airson leth-mhionaid.

Dè an t-astar a shnàmhas e san ùine seo?

4

Dh'fhàg càr Lunnainn aig 8.30m agus ràinig e Dùn Èideann aig 5.30f.

Ma tha an càr a' siubhal aig luaths cuibheasach de 75 km/u, dè an t-astar a tha eadar Lunnainn agus Dùn Èideann?

5

Shiubhail càr aig 88 km/u thar astar de 22 km.

Obraich a-mach ann am mionaidean an ùine a thug an càr a' siubhal an astair seo.

6

Thug càr a bha a' siubhal aig luaths cunbhalach 4 uairean a thìde a' dol astar de 244 km.

Obraich a-mach luaths cuibheasach a' chàir.

7

Bha càr a' siubhal aig luaths cuibheasach de 40 msu airson 3 uairean a thìde.

Dè an t-astar a chaidh an càr?

8

Bidh ochd-chasach a' snàmh 7 km aig luaths de 3 km/u.

Dè an ùine a bheir e ann an uairean is mionaidean?

9

Ruith each 2 uair 15 mion aig luaths de 8 msu.

Dè an t-astar a ruith e?

10

Tha an t-astar eadar Lunnainn agus Penzance 420 km air an trèan.

Dè an luaths cuibheasach a th' aig an trèan ma shiubhaileas i an t-astar seo ann an 4 uairean?