Dè tha détente a’ ciallachadh?
Càirdeas.
Lùghdachadh strì.
A’ cuideachadh a chèile.
Dè th’ ann an leudachadh bhall-airm niùclasach?
Lùghdachadh san àireamh de bhuill-airm niùclasach a th’ ann.
Leudachadh san àireamh de bhuill-airm niùclasach a th’ aig dùthaich, no comas niùclasach a’ sgaoileadh gu dùthchannan gun chomas niùclasach.
Cogadh sa bheil bheil buill-airm niùclasach gan cleachdadh.
Carson a thàinig détente gu crìch?
Lean an dà thaobh orra a’ togail bhall-airm gu dìomhair agus chaidh sin a nochdadh ann an 1980. Mar sin thòisich a’ cho-fharpaiseachd a-rithist.
Chaidh iad far a chèile oir bha na Sòbhietich càirdeil ris na Sìonaich.
Thug na Sòbhietich ionnsaigh air Afganastan ann an 1979.
Dè na h-aontan a chuingealaich an àireamh de bhuill-airm a dh’fhaodaist a thoirt air adhart?
Aontan Helsinki
SALT I agus II
Aontan Grunnd na Mara
Cò an ceannard a thuirt gur e "ìmpireachd olc" a bha san Aonadh Shòbhieteach?
An Ceann-suidhe Reagan
An Ceann-suidhe Nixon
An Ceannard Mao
Cò thàinig gu bhith na cheannard air an Aonadh Shòbhieteach ann an 1985?
Andropov
Brezhnev
Gorbachev
Dè tha Glasnost a’ ciallachadh?
A bhith dùinte
A bhith fosgailte
A bhith a’ tighinn gu rèite
Dè tha Perestroika a’ ciallachadh?
Ath-thogail
Briseadh
Stad