Cò de na Mòr-chumhachdan a bha na dùthaich Chomannach agus cò na dùthaich chalpaireil?
B’ e dùthaich Chomannach a bha sna SA agus b’ e dùthaich chalpaireil a bha san USSR.
B’ e dùthaich chalpaireil a bha sna SA agus b’ e dùthaich chomannach a bha san USSR.
B’ e dùthaich dheamocratach a bha san USSR agus b’ e deachdaireachd a bha sna SA.
Bha an dà cho-labhairt sìthe aig deireadh an Dara Cogaidh ann a’ Yalta agus?
Potsdam
Nagasaki
Paris
Dè bh’ ann an Teagasg Truman?
B’ e sin co-dhùnadh a rinn na Caidrich gus feuchainn ri briseadh tron Chùirtear Iarainn.
B’ e seo poileasaidh Riaghaltas nan SA gus feuchainn ri comannachas a chumail bho sgaoileadh càil na b’ fhaide.
B’ e seo poileasaidh Sòbhieteach gum feuchadh iad ri stad a chur air calpachas bho sgaoileadh dhan Roinn Eòrpa an Ear.
Cò rinn òraid mun 'Chùirtear Iarainn'?
An Ceann-suidhe Kennedy
Joseph Stalin
Am Prìomhaire Winston Churchill
Dè bh’ ann an Cobhair Mharshall?
Airgead agus stuthan a thugadh do dhùthchannan na Roinn Eòrpa gus an cuideachadh le ath-thogail.
Airgead a chaidh a chur a dhùthchannan comannach.
Airgead a chaidh a chur a dh’Ameireaga a Deas.
Dè th’ ann an NATO?
Caidreachas armailteach gus dùthchannan na Roinn Eòrpa an Iar a dhìon.
Caidreachas a bheireadh seachad cobhair eaconamach.
Ionad armailteach Sòbhieteach le urchraichean a bhiodh deiseil gus ionnsaigh a thoirt air na SA.
Dè bh’ ann an Aonta Warsaw?
Buidheann malairt eadar dùthchannan na Roinn Eòrpa an Ear.
Buidheann armailteach de dhùthchannan na Roinn Eòrpa an Ear.
Buidheann armailteach de dhùthchannan na Roinn Eòrpa an Iar a bhiodh deiseil gus ionnsaigh a thoirt air na Sòbhietich.
Dè tha M.A.D. a’ seasamh airson?
Mutually Assured Destruction
Militarily Assured Destruction
Massive Assured Destruction
Cuin a rinn an t-Aonadh Sòbhieteach a’ chiad bhoma atamach?
1948
1955
1949
Cuin a chaidh deuchainn a dhèanamh air a’ chiad bhoma haidridean?
1950
1952