Leugh an earrann agus feuch air na ceistean.
Is e earrann chudromach de na meadhanan a th' ann an irisean. Tha iad eadar-dhealaichte bho phàipearan-naidheachd. Sa chumantas bidh pàipearan-naidheachd a' nochdadh gach là, le duilleagan a tha rudeigin mòr, ach tha duilleagan nan irisean nas lugha. Cha bhi iad a' nochdadh gach là idir. Bidh feadhainn a' nochdadh gach seachdain, gach dàrna seachdain, gach mìos, gach ràithe, no eadhon uair sa bhliadhna. Mar as trice is e bhios annta stuth anns a bheil ùidh aig leughadairean sònraichte, glè thric gun ghuth air naidheachdan farsaing an ama.
Am measg nan irisean bu tràithe air a bheil cunntas againn bha feadhainn sa Ghearmailt, san Fhraing agus ann an Sasainn. Anns na seann làithean, gu tric b' e cruinneachaidhean de aistean a bha sna h-irisean, mu leasachaidhean ann an ealain, ann an litreachas, ann am feallsanachd 's ann an saidheans. Is dòcha gur iad an Tatler agus an Spectator ann am Breatainn an fheadhainn a b' ainmeile san ochdamh linn deug.
B’ i an iris, The Gentleman's Magazine, a' chiad tè a bha a' sònrachadh air caochladh sheòrsachan leughaidh airson cur-seachad. Bha aithisgean innte mu dheasbadan poilitigeach, bha aistean innte, sgeulachdan agus bàrdachd, agus bha buaidh fharsaing aice. Nochd lèirmheasan mìosail no ràitheil ann am Breatainn san naoidheamh linn deug, agus mar bu trice bha iad aon-taobhach a thaobh poilitigs, 's bha aistean annta le ùghdaran ainmeil.
San dàrna cairteal den naoidheamh linn deug, bha irisean mòr-chòrdte seachdaine agus mìosail a' nochdadh ann am Breatainn, cuid dhiubh anns an robh dealbhan agus nach robh a' cosg ach beagan sgillinnean. Ann an Ameireaga nochd mu cheud iris sa chairteal mu dheireadh den ochdamh linn deug, ach cha do mhair mòran dhiubh uabhasach fada. Ach mu mheadhan na naoidheamh linne deug bhathar a' clò-bhualadh mu shia ceud iris de chaochladh sheòrsachan anns na Stàitean Aonaichte. Bha grunn irisean ann mu chreideamh, mar eisimpleir, do dhaoine a bha an aghaidh tràillealachd agus don fheadhainn a bha an aghaidh deoch làidir. Agus bha irisean mu chreideamh ann am Breatainn cuideachd.
Bha irisean cudromach Breatannach eile ann san dàrna leth den naoidheamh linn deug. Nam measg sin bha an iris èibhinn air an robh Punch. Bha Punch air leth ainmeil airson beachdan mu bheatha ann am Breatainn a thoirt seachad ann an aistean 's ann an dealbhan-èibhinn. Na b' fhaide air adhart, bha a leithid ann an dùthchannan eile cuideachd, le measgachadh air leth de dhealbhan-èibhinn, le naidheachdan cuspaireach agus le ficsean sgrìobhte le ùghdaran ùra. San naoidheamh linn deug, bha dòighean ùra clò-bhualaidh a' ciallachadh gun robh cosgaisean na bu lugha. Cuideachd bha na h-irisean an urra gu ìre na bu mhò ri teachd-a-steach bho shanasan-reice. Leudaich àireamh an luchd-leughaidh gu mòr. Chaidh iomadh iris ùr a chur air bhog.
B' e The Cornhill a' chiad iris mhìosail a bha a' foillseachadh sreathan de fhicsean gu riaghailteach, agus cha robh i a' cosg ach sia sgillinnean. Am measg nan sreath-sgeulan bha nobhailean goirid le sgrìobhadairean. Chaidh sreathan de irisean seachdaineil, a bha a' cosg aon sgillinn, a stèidheachadh agus bha iad sin gu math soirbheachail. Bha grunn irisean ann, agus bha iad nam meadhan air gun deach fìor ghnìomhachas foillseachaidh airson irisean a shuidheachadh ann an Lunnainn.
Cho fada 's is aithne dhuinn, is e The Lady's Magazine, a nochd an toiseach sa bhliadhna 1770, a' chiad iris a bha ag amas gu sònraichte air boireannaich. Bha caochladh sgrìobhaidhean san iris seo agus notaichean air fasanan aodaich. Cuideachd, chaidh oidhirpean a dhèanamh le cuid de irisean air nithean na bu chudromaiche fhoillseachadh, mar chòirichean mhnathan, agus sin a thoirt gu aire nan leughadair. Ann an 1852, thòisich a' bhean-phòsta Beeton air iris a rinn leudachadh air a' mhargaid. Bha an iris a' cosg dà sgillinn agus b' e seo a' chiad iris a bha ag amas air rianachd dachaighe a thoirt air adhart, an àite a bhith dìreach na cur-seachad do mhnathan nach robh ag obair ann an dreuchd.
An-diugh, tha irisean ann mun h-uile seòrsa cuspair. Feumaidh gu bheil mòran dhaoine gan ceannach 's gan leughadh, ged a tha uiread dhiubh ann! Tha ùidh agam fhèin ann an irisean-siubhail ach bidh mo mhac agus mo nighean a' ceannach irisean mu bhall-coise agus ceòl. Tha irisean caran nas fhasa an làimhseachadh sa chumantas na tha pàipearan-naidheachd, le cuspairean eadar-dhealaichte. Chithear iad air sgeilpean nam bùthan – bho chàraichean gu còcaireachd, bho eachdraidh gu spòrs. Ainmich cuspair anns a bheil ùidh agad agus gheibh thu iris a bhios a' dèiligeadh ris, agus cuirear thugad tron phost iad mas e sin a tha thu a' miannachadh. Tha a' mhòr-chuid de na h-irisean air leth faileasach agus tarraingeach nan gnè, le dealbhan dathte agus le còmhdach a tha a' bualadh air sealladh na sùla. Ach tha feadhainn dhiubh gu math daor.
Is cinnteach gum bi sinn uile a' ceannach iris bho àm gu àm – uaireannan airson cur-seachad agus uaireannan eile airson fiosrachadh.