Co-choltas test questions

1

Chaidh an triantan A1B1C1 a mheudachadh agus thug sin dhuinn ABC.

Dè am factar-sgèile aig a' mheudachadh?

Diagram of a small and large triangle equal in proportion

2

Chaidh an triantan XYZ a mheudachadh agus thug sin dhuinn X1Y1Z1.

Dè am factar-sgèile aig a' mheudachadh?

Diagram of a small and large triangle equal in proportion

3

Chaidh an triantan ABC a mheudachadh agus thug sin dhuinn A1B1C1.

Dè am factar-sgèile aig a' mheudachadh?

Diagram of a small and large triangle equal in proportion

4

Airson a' phaidhir de cheart-cheàrnaich cho-choltach gu h-ìosal, lorg am factar-sgèile agus obraich a-mach \(x\).

Diagram of two squares equal in proportion but with different values

5

Airson a' phaidhir de thriantain cho-choltach gu h-ìosal, lorg am factar-sgèile agus obraich a-mach \(x\).

Diagram of two triangles equal in proportion but with different values

6

Tha dà mhagnait fridse co-choltach a thaobh matamataig.

Tha 4 cm a dh'fhaid ann an aon mhagnait agus tha 10 cm a dh'fhaid san tèile.

'S e 18 cm2 farsaingeachd na magnait as lugha.

Obraich a-mach farsaingeachd na magnait as motha.

7

Tha an companaidh Easypac Soup a' dèanamh thionaichean beaga air chruth siolandair agus le radius de 3 cm, agus tionaichean co-choltach nas motha le radius de 5 cm.

Ma tha 243 ml de bhrot ann an tiona beag, dè na th' ann an tiona mòr?

8

Tha cofaidh ga reic ann an cupannan beaga is ann an cupannan mòra.

Tha cruth an dà chupa co-choltach a thaobh matamataig.

Tha 21 cm a dh'àirde sa chupa mhòr agus gabhaidh e 540 ml.

Tha 14 cm a dh'àirde ann an cupa beag.

Obraich a-mach cia mheud ml a ghabhas cupa beag.