Carson a b’ fheudar dhan Ghearmailt gèilleadh ann an 1918?
Chaidh a cur fodha.
Bha iad sgìth dhen chogadh.
Bha stuthan amh agus biadh air teirigeachdainn.
Dè an t-ainm a bh’ air riaghaltas ùr na Gearmailt?
An Reichstag
Poblachd Weimar
An Reichsrat
Dè am buidheann a rinn ar-a-mach an aghaidh Riaghaltas na Gearmailt san Fhaoilleach, 1919?
Am Partaidh Caitligeach
Am partaidh Nadsaidheach
Na Spartagaich
Cò eile, a bharrachd air Karl Leibknecht, a bha os cionn nan Spartagach?
Rosa Luxemburg
Eva Braun
Elizabeth Luxemburg
Cò chur an t-ar-a-mach fodha?
An SA (Sturmabteilung, na brownshirts)
Na Freikorps
An t-arm
Carson a thug an Fhraing ionnsaigh air a’ Ghearmailt ann an 1923?
Cha robh stuthan amh air fhàgail aca agus bha iad airson feadhainn fhaighinn às a’ Ghearmailt.
Cha robh a’ Ghearmailt air pàigheadh dìoghaltais a dhèanamh ann an 1922.
Bha iad fiadhaich gun do thòisich a’ Ghearmailt a’ Chiad Chogadh agus bha iad airson am fearann aice fhaighinn dhaibh fhèin.
Dè bh’ ann am mòr-atmhorachd?
Nuair a chaill airgead na Gearmailt a luach gu lèir.
Nuair a dh’atharraich riaghaltas na Gearmailt an t-airgead aca.
Nuair a chaidh airgead na Gearmailt suas ann an luach.
Càit an do thòisich Hitler Putsch Mhunich?
Ann an talla leanna ann am Munich.
Ann am prìomh oifis Riaghaltas Bhabhàiria ann am in Munich.
Air sràidean Mhunich.
Dè a’ chasaid a bha an aghaidh Hitler anns a’ chùirt?
Feuchainn ri cogadh a thòiseachadh.
Brathadh
Coirbeachd
Dè cho fada ’s a bha Hitler ann am Prìosan Landsberg?
Naoi bliadhna
Naoi mìosan
Naoi latha