Na h-Iùdhaich test questions

1

Dè an coltas a th' air na saighdearan Gearmailteach aig toiseach na sgeulachd?

2

Cò ris a bha cùisean coltach air an trèana?

3

Dè tha am facal freiceadan a' ciallachadh?

4

Mu dheireadh thuit a' chuid mhòr nan cadal mar gum biodh iad a-nis cofhurtail nan inntinn.

Carson a tha na h-Iùdhaich cofhurtail gu leòr cadal?

5

Timcheall orra bha mìltean de mhìltean de shneachd agus taigh mòr geal coltach ri taigh-eiridinn.

Dè seòrsa togalaich a th' ann an taigh-eiridinn?

6

Ciamar a tha na h-Iùdhaich a' faireachdainn às dèidh dhaibh a thighinn far an trèana?

7

'S cinnteach nach robh feadhainn aca mòran a bharrachd air ochd-deug.

Carson a thug Mac a' Ghobhainn iomradh air aois cuid de na saighdearan?

8

"E," dh'èigh tè aost', "nuair a thogas iad seachdnar chloinne cha bhi iad cho bòidheach."

Carson a chuir Mac a' Ghobhainn am fealla-dhà seo ann cho faisg air an deireadh?

9

Cuin a tha na h-Iùdhaich a' mothachadh gu bheil na saighdearan gam marbhadh?

10

Dè tha an sgrìobhadair ag innse dhuinn le bhith ag ràdh gun robh na cuirp a' leum am meadhan a' chiùil?