Càit an deach an Rìgh Iain a chrùnadh?
Sruighlea
Norham
Sgàin
Carson a bha an siostam riaghlaidh lag ann an Alba?
Cha robh Alasdair III gu feum sam bith mar rìgh.
Bha Alasdair III air bàsachadh o chionn 10 bliadhna.
Bha Alasdair III air bàsachadh o chionn 6 bliadhna.
Cò chuir Ionmhasair Alba, Tòmas Hunsingore, dhan dreuchd?
An t-Easbaig Friseal à Cill Rìmhinn
Rìgh Eideard Shasainn
Rìgh Iain Alba
Cò bh’ ann am MacDuff?
Albannach a ghearain ri Eideard I mu cho-dhùnadh laghail a rinn an Rìgh Iain.
Sasananch a ghearain ri Eideard I mu cho-dhùnadh laghail a rinn an Rìgh Iain.
Albannach a ghearain ris an Rìgh Iain mu cho-dhùnadh laghail a rinn an Eideard I.
Carson a bha Cùmhnant Bhirgham gun bhrìgh?
Dhiùlt Maighdeann Nirribhidh am Prionnsa Eideard a phòsadh.
Cha robh Maighdeann Nirribhidh air am Prionnsa Eideard a phòsadh.
Cha robh Maighdeann Nirribhidh air Rìgh Iain a phòsadh.
Ann an 1294, dè an dùthaich a bha Eideard I ag ullachadh gus a dhol a chogadh rithe?
Alba
An Fhraing
A’ Chuimrigh
Carson a bha Eideard I dhen bheachd gun robh a’ chòir aige cuideachadh iarraidh air Alba airson a’ chogadh an aghaidh na Frainge?
Bha na h-Urrasairean air ùmhlachd a thoirt do Eideard I
Bha Eideard I air Alba a chur fodha
Bha an Rìgh Iain air ùmhlachd a thoirt do Eideard I
Dè rinn an dà-dheug Urrasair?
Chuir iad teachdairean à Alba gu Rìgh na Frainge
Chuir iad an Rìgh Iain far a’ chrùin
Chuir iad teachdairean à Alba gu Rìgh Shasainn
Dh’aontaich Alba agus an Fhraing gun dìonadh iad a chèile an aghaidh Eideird. Dè an t-ainm a bh’ air an aonta sin?
Alba ’s na Frainge
An Seann Chaidreachas no an Auld Alliance
Caidreachas Dìomhair
Dè a’ bhliadhna anns an tug Eideard I ionnsaigh air Alba?
1294
1295
1296
Dè a’ chiad àite air an tug Eideard I ionnsaigh ann an Alba?
Dùn Bàrr
Dùn Èideann
Bearaig
Càit an do chuir feachdan Shasainn armailt Alba fodha ann an 1296?
An Eaglais Bhreac
Carson a fhuair an Rìgh Iain an t-ainm Toom Tabard?
Thug Eideard Baidse Rìoghail Iain far an èididh aige
Chuir Eideard Iain dhan phrìosan ann an Tùr Lunnainn
Thug Eideard an Lia Fàil a Shasainn
Carson a thug Eideard an Lia Fàil a Shasainn?
Gus nach deigheadh an còrr riaghladairean Albannach a chrùnadh
Airson gun deigheadh a chrùnadh mar Rìgh Alba
Bha e airson gum biodh Rìgh Alba air a chrùnadh ann an Sasainn
Dè bha san Roile Robach?
Sgrìobhainn san robh uaislean Alba gu lèir a’ toirt bòid phearsanta a bhith dìleas dhan Rìgh Iain
Sgrìobhainn san robh uaislean Alba gu lèir a’ toirt bòid phearsanta a bhith dìleas do dh’Eideard I
Sgrìobhainn san robh uaislean Shasainn a’ toirt bòid phearsanta a bhith dìleas do dh’Eideard I