Beachdaich air tiotal na bàrdachd. Dè na smuaintean a tha am bàrd a' feuchainn ri dhùsgadh le na faclan taigh-tasgaidh agus leabhar?
taigh-tasgaidh
leabhar
Smuaintean co-cheangailte ri rudan a tha gun fheum
Smuaintean co-cheangailte ri rudan a tha eachdraidheil agus cudromach
Smuaintean co-cheangailte ri rudan a tha a' dol a bhith ann san àm ri teachd
Dè am feart cainnt a tha ri fhaicinn ann an loidhne 1, Feumaidh mi?
Feumaidh mi
Buadhair
Puingeachadh
Riochdair pearsanta
Dè an sgil sgrìobhaidh a tha am bàrd a' cleachdadh ann an loidhnichean 3 agus 4?
Uaim
Samhla
Iomsgaradh
Coimhead air loidhne 4 a-rithist. Dè tha am facal shuath a' ciallachadh san t-seagh seo?
shuath
Gun robh e a' briseadh rudan
Gun robh e a' beantainn ri rudan
Gun robh e a' dìochuimhneachadh rudan
Leugh loidhnichean 4-8 a-rithist. Dèan tomhas air an obair a bh' aig seanair a' bhàird.
Tidsear
Neach-obrach taigh-tasgaidh
Croitear
Coimhead air toiseach rann 2 agus dèan coimeas ri toiseach rann 1. Dè an cleas sgrìobhaidh a tha am bàrd a’ cleachdadh?
Ath-aithris
Àbhachd
Taghadh-facail àraid
Coimhead air loidhnichean 13 agus 14 a-rithist. Dè tha am facal leth-shealladh agus leth-sgeul ag innse dhuinn mu smuaintean a' bhàird?
leth-shealladh
leth-sgeul
Gu bheil iad mionaideach
Nach eil iad buileach soilleir
Gu bheil i coma mun deidhinn
Dè tha an abairt a dhìth a' ciallachadh?
a dhìth
Gu bheil cus de rudeigin ann
Gu bheil rudeigin a' dol a nochdadh a dh'aithghearr
Nach bi rudeigin ann a tha còir a bhith ann
Dè an t-atharrachadh a tha a' tighinn air structar na bàrdachd ann an rannan 3 is 4?
Ag atharrachadh bho mheadrachd riaghailteach nas traidiseanta gu saor-rannaigheachd
Ag atharrachadh bho shèisd gu rann
Ag atharrachadh bho shaor-rannaigheachd gu meadrachd riaghailteach nas traidiseanta
Dè tha am bàrd a' ciallachadh ann an loidhne 21 nuair a tha i ag ràdh gu bheil cànan an cunnart dhol balbh?
cànan an cunnart dhol balbh
Nach bi an cànan ga bruidhinn
Gum bi mòran ga bruidhinn
Nach robh neach ga bruidhinn a-riamh