Dè th’ ann an adhbharan putaidh?
Adhbharan a tha a’ tarraing dhaoine gu dùthaich chèin.
Adhbharan a tha a’ toirt air daoine dùthaich fhàgail.
Adhbharan a tha a’ toirt air daoine fuireach far a bheil iad.
Dè th’ ann an adhbharan tarraing?
Dè am pàirt de dh’Èirinn san robh a’ mhòr-chuid de Phròstanaich a’ fuireach?
Sa cheann a deas
Sa cheann a tuath
Air an taobh an iar
Dè am pàirt de dh’Èirinn san robh a’ mhòr-chuid de Chaitligich a’ fuireach?
Air an taobh an ear
Cuin a thòisich gaiseadh a’ bhuntàta ann an Èirinn?
1830an
1840an
1850an
Cò na h-in-imrich a bha a’ teiche bho na pogroms?
Èireannaich
Eadailtich
Iùdhaich
Co na h-in-imrich a bha air a bhith ag obair ann an Alba airson an t-seuasain fad linntean?
Carson a bha luchd-obrach Èireannach deònach obrachadh airson pàigheadh na b’ ìsle na bha luchd-obrach Albannach?
Bha am pàigheadh na b’ àirde na bha e ann an Èirinn.
Bha gràin aig na h-Èireannaich air na h-Albannaich agus bha iad ag iarraidh nan obraichean aca.
Cha robh feum aig na h-Èireannaich air mòran airgid oir bha iad ann an taighean na bu shaoire.
Carson a bha biadh gann san Eadailt sna 1800an?
Cha robh tuathanaich san Eadailt airson am bàrr air fad a reic oir bha feum aca air airson biadh dhan teaghlach.
Bha an Eadailt air fulang fad bhliadhnachan de chogadh agus bha na tuathanasan air an sgrios.
Cha robh leasachadh àiteachais no gnìomhachais air a bhith san Eadailt. Bha an àireamh-sluaigh air fàs gu mòr.
Dè am pàirt de dh’Alba san do sheatlaig a’ mhòr-chuid de dh’in-imrichean Eadailteach an toiseach?
Dè bh’ ann an Call Dhaoine Comasach?
Alba a’ call luchd-obrach sgileil agus proifeiseanta.
Alba a’ call luchd-obrach gun sgilean.
An dìth foghlaim a bh’ air clann ann an Alba sna 1800an.
Dè th’ ann am bailteachadh?
An àireamh-sluaigh a’ fàs anns na bailtean.
An àireamh-sluaigh a’ crìonadh anns na bailtean.
An àireamh-sluaigh a’ fàs ann an sgìrean air an dùthaich.
Carson a chaidh malairt ri dùthchannan cèin am meud aig an àm seo?
Rinn Riaghaltas Bhreatainn bargan ri dùthchannan cèin airson am bathar aca a cheannach.
Cha robh factaraidhean agus muilnean Alba a’ dèanamh na dh’fheumadh iad airson muinntir Alba a riarachadh.
Chùm eilthirich à Alba a’ malairt ris an dùthaich bhon tàinig iad fhad ’s a bha iad a’ togail ghnothachasan thall thairis.