Carson a chaidh na SA an sàs ann a’ Bhietnam?
Thug Arm Bhietnam ionnsaigh air Ambasaid nan SA ann a’ Bhietnam. Thug na SA an uair sin ionnsaigh air Bhietnam.
Bha Bhietnam air a bhith na coloinidh dhe na SA agus bha iad a’ sabaid airson iad fhèin a shaoradh bho riaghladh cèin.
Bha iad a’ creidsinn san ‘Teòiridh Domino’ a bha ag ràdh nan deigheadh aon dùthaich gu na comannaich gun deigheadh na dùthchannan mun cuairt thuca cuideachd.
Cò bha os cionn Bhietnam a Deas gu 1963?
Ho Chi Minh
Ngo Dinh Diem
Chiang Kai Shek
Cò bha os cionn Bhietnam a Tuath?
Mao
Dè dh’adhbhraich gun deach saighdearan nan SA a chleachdadh air an talamh ann a’ Bhietnam?
Ionnsaigh Tet
Murt My Lai
Tachartas Camas Tonkin
Càit an tugadh luchd-tuatha Bhietnam a Deas airson an 'dìon' bho na Bhietcong?
Sgìrean Innleachd
Bailtean Innleachd
Mòr-bhailtean Innleachd
Cuin a thachair Ionnsaigh Tet?
1965
1969
1968
Dè an dùthaich a chuir bathar agus buill-airm gu na Bhietcong airson an cuideachadh?
Sìona
Thailand
Coiria a Tuath
Carson a tharraing na SA a-mach à Bhietnam?
Tharraing iad a-mach oir bha e na bu dorra agus na bu daoire na bha iad an dùil agus bha am poball aig an taigh a’ tionndadh na aghaidh.
Tharraing iad a-mach oir bha na Vietcong a’ dèanamh a’ chùis orra agus bha aca ri teiche.
Tharraing iad a-mach oir bha an cogadh a’ tighinn gu crìch agus bha Bhietnam gu bhith na deamocrasaidh.