Tha sinn air faicinn mu thràth gu bheil e cudromach gum bi deagh structar air aiste bheachdail gus am bi e furasta do dhaoine a leughadh. Chunnaic sinn cuideachd gum bu chòir dhut abairtean foirmeil a chur gu feum nad sgrìobhadh. Tha na ceistean a leanas uile ceangailte ri aistean beachdail.
Tagh an seantans a thàinig à aiste bheachdail.
Anns an aiste seo, tha mi a’ dol a bheachdachadh air biadh-sgoile.
Thug mi sùil a-mach air an doras. Abair sealladh eagalach.
An-uiridh, ghabh mi pàirt ann am farpais seinn.
Dè an abairt as freagarraiche anns an t-seantans seo? “Tha mi den bheachd gu bheil cus airgid ann am ball-coise. Lìon am beàrn, tha na cluicheadairean a tha aig àrd ìre sa ghèam airidh air na tha iad a’ faighinn.”
Mar eisimpleir
Air an làimh eile
Mar thoradh air seo
Dè an seantans nach biodh dualtach a bhith ann an aiste bheachdail?
Tha còir aig deugairean a bhith san sgoil gus am bi iad ochd-deug.
’S e fìor dhroch rud a tha ann am blàthachadh na cruinne.
Tha reòiteagan a’ còrdadh rium.
Dè an seantans, a thaobh stoidhle, as freagarraiche ann an aiste bheachdail?
Rinn iad mòran rannsachaidh air a’ chuspair.
Chaidh mòran rannsachaidh a dhèanamh air a’ chuspair.
Bha iad a’ dèanamh mòran rannsachaidh air a’ chuspair.
A thaobh structar, dè an abairt a thigeadh faisg air deireadh aiste bheachdail?
Anns an treas àite, bu toigh leam sùil a thoirt air …
Anns an aiste seo, tha mi a’ dol a bheachdachadh air …
Aig fìor dheireadh na h-aiste, chanainn ...
An dèidh dhomh an sgoil fhàgail, bu toigh leam bliadhna a chur seachad a’ siubhal air feadh an t-saoghail.
Bha am bàta a’ lìonadh le uisge 's mi fada bho thìr.
Saoilidh mi nach bu chòir mucan-mhara a bhith air an sealg.
Dè an abairt as freagarraiche anns an t-seantans seo? “Tha cus uallaich air cloinn san latha an-diugh. Tha uallach a’ tighinn orra, Lìon am beàrn, leis na tha aca ri obair-dachaigh a dhèanamh gach oidhche.”
Mar eisimpleir.
Air an làimh eile.
Mar thoradh air seo.
Chaidh mi dha na bùithtean aig naoi uairean.
Chan eil an riaghaltas a’ dèanamh gu leòr airson òigridh na dùthcha.
Tha na siabainn a tha air an telebhisean a’ dèanamh barrachd cron na feum.
Tha daoine a’ dèanamh mòran cron air a’ mhuir.
Tha sinn a’ dèanamh mòran cron air a’ mhuir.
Thathar a’ dèanamh mòran cron air a’ mhuir.
A thaobh structar, dè an abairt a thigeadh faisg air toiseach aiste bheachdail.
Anns an dàrna àite, bheir mi sùil air…
Mus tig an aiste seo gu ceann…
Tha ùidh agam sa chuspair seo oir...