An dèidh biadh a ghabhail, bidh boiteag a' siubhal astar de 45 cm ann an 90 diog.
Obraich a-mach luaths na boiteig.
2 cm/d
0.5 cm/d
4050 cm/d
Dh'fhàg càr Dover aig 8.00 m agus ràinig e Lunnainn aig 10.30 m.
Mas e 120 km an t-astar, obraich a-mach an luaths cuibheasach.
300 km/u
60 km/u
48 km/u
Bha siorc, a bha a' snàmh aig luaths 13m/d airson leth mhionaid, a' toirt ionnsaigh air bàta-iasgaich.
Dè an t-astar a shnàmh e san ùine seo?
390 m
6.5 m
0.43 m
Dh'fhàg càr Lunnainn aig 8.30 m agus ràinig e Dùn Èideann aig 5.30 f.
Ma bha an càr a' siubhal aig luaths cuibheasach de 75 km/u, dè an t-astar a tha eadar Lunnainn agus Dùn Èideann?
8.3 km
600 km
675 km
Tha càr a' siubhal aig 88 km/u airson 22 km.
Obraich a-mach ann am mionaidean an ùine a thug an càr a' siubhal an astair seo.
4 mionaidean
15 mionaidean
240 mionaid
Thug càr a bha a' siubhal aig luaths cunbhalach 4 uairean a thìde a' dol 244 km.
Obraich a-mach luaths cuibheasach a' chàir.
976 km/u
61 km/u
0.02 km/u
Bha càr a' siubhal aig luaths cunbhalach de 40 msu airson 3 uairean a thìde.
Dè an t-astar a shiubhail e?
120 mìle
0.075 mìltean
13.3 mìltean
Shnàmh ochd-chasach 7 km aig luaths 3 km/u.
Dè an ùine a thug e ann an uairean agus mionaidean?
2 uair 33 mion
2 uair 20 mion
0 uair 41 mion
Ruith each airson 2 uair 15 mion aig astar de 8 msu.
Dè an t-astar a ruith e?
17.2 mìltean
3.6 mìltean
18 mìltean
Tha 420 km eadar Luannainn agus Penzance air an trèan.
Dè an luaths cuibheasach a bhios aig trèan airson an t-astar seo a dhèanamh ann an 4 uairean a thìde?
105 km/u
1680 km/u
1050 km/u